Chernihiv
Chernihiv Черні́гів
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Chernihivska Oblast | ||||
Sgìre | Chernihivskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 51° 29 38' Tuath 31° 17 41' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 79 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 285,234 (2021) | ||||
Dlùths | 3,610.56/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 462 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr faisg air Kyiv agus Nizhyn anns An Ucràin a th' ann an Chernihiv (Ucràinis: Черні́гів, IPA: tʃerˈn⁽ʲ⁾iɦiu̯). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Desna, san roinn Chernihivska Oblast. Tha 285,234 duine a' fuireach ann.
Freumh-fhaclachd
deasaichThathar dhen beachd gur ann à dà fhacal Slabhais a th' anns an ainm: Czarna (Gàidhlig: dubh) agus Bog (Gàidhlig: Dia)
Eachdraidh
deasaichChaidh Chernihiv a chlàradh airson a' chiad turais ann an 907.[1] Chaochail an sgrìobhadair Mykhailo Kotsiubynsky an seo ann an 1913. Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944. Thog iad prìosan agus Iùdhaich a' bhaile nan tràillean mar phàirt an t-siostaim Zwangsarbeit (Gàidhlig: saothair èignichte) cuideachd.[2] Ann an 1991, thàinig Chernihiv gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Air 24 an Gearran 2022, ri linn Ionnsaigh na Ruise air An Ucràin, chuir feachdan na Ruise Chernihiv fo shèist, ach thuirt riaghaltas na h-Ucràine air 5 an Giblean gun do chuir Arm na h-Ucràine ruaig air na Ruiseanaich. Chaill còrr is 700 sìobhaltaich agus 500 saighdear am beatha sa chath.[3] Theich fògarraich on bhaile nam mìltean chun na Pòlainne.[4]
Daoine Ainmeil
deasaichEòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Chernihiv a' bruidhinn (74.01%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (24.5%).[6]
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Олександер, Мишанич (1989). Літопис Руський: За Іпатьским Списком Переклав Леогід Махимович, Київ: Дніпро, ISBN 5308000522.
- ↑ Bundesarchiv
- ↑ Forbes
- ↑ Vísir
- ↑ Жертвы политического террора в СССР
- ↑ Ukcensus