Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Lutsk
Лýцьк
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Volynska Oblast
Co-chomharran 50° 45 00' Tuath
25° 20 09' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 42 km²
Àireamh-shluaigh 217,197 (2021)
Dlùths 5,171.36/km²
Àireamh fòn + 380 332
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr faisg air Rivne agus Lviv anns An Ucràin a th' ann an Lutsk (Ucràinis: Лýцьк, Pòlais: Łuck, Iùdais: לוצק, IPA: ˈlʲʋiu̯). Tha e suidhichte air an àirde an iar thuath na dùthcha faisg air na crìochan leis A' Phòlainn agus A' Bhealaruis, ri taobh na h-Aibhne Styr, san roinn Volynska Oblast. Tha 217,197 duine a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd

deasaich

Thathar dhen beachd gur ann às an fhacal Slabhais Luka (Gàidhlig: camas) ach tha cuid a dhaoine a' smaoineachadh gun tàing e on ainm Luka, air neo fiù's on treubh Luchanii.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1085. Chumadh Mòr-dhàil an seo ann an 1429, far an do rèitich Rìghrean na Roinn-Eòrpa Crùnadh Vytautas na Liotuàinia agus Caidreachas Crìostaidh an aghaidh Impireachd nan Otomanach.[1] Às dèidh Ionnsaigh Gearmailteach-Sobhietach air a' Phòlainn ann an 1939, thàinig Lutsk gu bhith na phàirt den Aonadh Sobhietach, agus ann an 19441946 bha iomlaid sluaigh eadar a' Phòlainn agus an Ucràin Sobhietach. Ann an 1991, thàinig e gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

deasaich

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Lutsk a' bruidhinn (92.87%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (6.79%) cuideachd.[2]

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Stecki. Łuck starożytny i dzisiejszy, — Kraków, 1876
  2. Ukcensus

Ceanglaichean a-mach

deasaich