Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                

Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an sgrios is murt den Iùdhaich Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh Adolf Hitler air a' chuspair sin san leabhar leis - Mo Chath Fhèin (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san Chiad Cogadh. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt brùideil is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhòrchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Romani, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.

Prìosanaich - Elie Wiesel nam measg - am Buchenwald.

A-rèir mòran daoine, se an eucoir as motha a bha a-riamh.

Na h-Ìobairtich

deasaich

Crochaidh àireamh nan ìobairteach air a' chomharrachadh "an Uile-losgaidh" gu bheil air chleachdadh. Sgrìobh Donald Niewyk agus Francis Nicosia san Columbia Guide to the Holocaust gu bheil am facal air chleachdadh gu cumanta a chiallachadh am mòr-mhort, agus an oidhirp a sgrios às, nan Iùdhach Eòrpach, 's mar sin chuireadh sin an àireamh iomlan nan ìobairteach ri beagan fo sia millean — mun chuairt 78 sa' cheud nan 7.3 millean Iùdhach 'san Roinn-Eòrpa at the time.[189]

Gabhaidh comharrachaidhean nas fharsainge a-steach eadar 220,000 agus 1,500,000 Roma, agus na 200,000 ri 300,000 ciorramaich (gu corporra 's gu inntinneil mar son) a bha air mharbhadh, oir bha na roinnean seo cuideachd roghnaichte airson sgrios. Gabhaidh comharrachadh nas fharsainge fhathast a-steach na luchd-dealachaidh cràbhach 's sluagh-iùlach, dà ri trì millean prìosanaich-cogaidh Sobhiat, agus 5,000 ri 15,000 fir cho-sheòrsach, a' cur an àireimh iomlain ri naoi millean. Èirigh sin ri 11 millean marbhan ma tha na bàsan de 1.8 ri 2 millean Pòlainneach dùthchasach air ghabhail a-steach. Ghabhadh an comharrachadh as fharsainge a-steach na 6 millean luchd Soviat nach robh 'nan saighdearan, ag èirigh an àireimh-bàis iomlain ri 17 millean. Rinn R.J. Rummel meas air an àireamh-bàis iomlan na Gearmailte Nàsaich a bhith 21 millean.

  • 5.1 - 6 millean Iùdhach, a-measg trì millean Iùdhach on Phòlainn
  • 1.8 - 2 millean Pòlainneach nach robh nan Iùdhach
  • 200,000 - 1,500,000 Roma
  • 200,000 - 300,000 ciorramach
  • 80,000 – 200,000 Clachair
  • ceud mìle Comannach
  • 10,000 - 25,000 fear co-sheòrsach
  • 2,000 ri 5,000 Fianaiseach Iachobha