Zipa
'S e tiotal urramach airson Rìghrean tìrean mu dheas Dùthaich nam Muisca a bh'ann an Zipa. Bha an dùthaich sin suidhichte far a bheil tìr àrd torach eadar na roinnean dhe Cundinamarca agus Boyacá ann an Coloimbia an latha an-diugh. Bha am prìomh-bhaile Bacatá, (Bogotá), suidhichte anns an sgìre ris an canar Comhnardan dhe Bogotá (Spàinntis: Sábana de Bogotá).
'S e tiotal oighreachdail a bh'ann an Zipa, ach cha leanadh sin an lìn athaireil gu dlùth. Thaghadh fear-ionlaid bho am broinn an teaghlaich rìoghail aig bàs an righ, anns a' chumanntas mac-peathar mhòr an righ nach maireann, neo fiu's am fear a bha na b'aosda na esan fhèin.
Bha Tisquesusa na Zhipa nuair a ràinig a' chiad duine às an Roinn Eòrpa, an ceannsaiche Gonzalo Jiménez de Quesada.
Zipa à Bacatá
deasaich- Meicuchuca (1450 - 1470) A' chiad Zipa dhe Bacatá,
- Saguamanchica (1470 - 1490) An darna Zipa dhe Bacatá,
- Nemequene (1490 - 1514) An treas zipa dhe Bacatá,
- Tisquesusa (1514 - 1537) An ceithreamh Zipa dhe Bacatá, bha esan os cionn an Riaghaltais nuair a ràinig na ceannsaichean Spàinnteach. Mharbh na saighdearan aig Gonzalo Jiménez de Quesada e.
- Sagipa neo Zaquezazipa (1537- an Lùnasdal 1538): Còigeamh agus fear mu dheireadh dhe na Zipa ann am Bacatá. Chaidh e a chur gu bàs la Jiménez de Quesada.
Iomraidhean
deasaich- Velandia, R. Enciclopedia Histórica de Cundinamarca. Tomo I Volumen I. Ace Editorial Didacticos & Cia.