A' Bheurla Ghallda
A' Bheurla Ghallda | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
1.5 millean ann an Alba
| |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Alba | |
ISO 639-2 | sco | |
ISO 639-3 | sco |
'S e cànan Tiùtonach a th' anns a' Bheurla Ghallda no Albais[1] (anns a chainnt fhèin: Scots san latha an-diugh agus Inglis gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air a' Ghalldachd is ann an Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba, agus ann an Ulaidh an Èirinn.
Eachdraidh a' Chànain
'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an Lodainn (agus an t-seann rìoghachd Shasannach Northumbria, anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den Ghàidhlig air Galldachd na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan Alba: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na Rìghrean agus am Pàrlamaid. An dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 ge-tà, chaidh crìonadh a dhèanamh oirre, agus tha Beurla air a h-àite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr bàrdachd ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e Raibeart Burns am bàrd as ainmeile a rinn obair innte.
'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scottis' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na àite.
Ged as e Beurla Ghallda no Beurla na Galltachd a theirear gu h-eachdraidheil rithe, thathar a' toirt Albais oirre gu h-oifigeil sa Ghàidhlig bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh.
Prìomh Dhualchainntean
Faodar Albais a roinn na prìomh dhualchainntean mar na leanas: Albais Eileanach, Albais a Tuath, Albais Meadhan na h-Alba, Albais Ceann a Deas na h-Alba.
Aistean co-cheangailte
Ceanglaichean a-mach
- An Wikipedia 'sa Bheurla Gallda
- Scots Language Centre
- “The Dialect of the Southern Counties of Scotland” (1873) - leabhar comasach le James A.H. Murray (WebArchive)
- BBC Naidheachdan 2019-11-19: Sùil air Mion-Chànain: Albais is Doric (aithris-bhideo 2:55)
Iomraidhean
- ↑ Mar eisimpleir: “Farpais ùr 'son òran à mion-chànain Cheilteach agus Albais”. BBC. Air a thogail 25mh dhen Dàmhair 2016.