Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Comhairle Mhoireibh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o An Comhairle Mhoireach)
Comhairle Mhoireibh
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Poileataigs
Smachd Neo-eisimileach/Na Tòraidhean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,238 km²
Àireamh-shluaigh 93,000 (2010)
Dlùths 41.55/km²
Duilleag oifigeil http://www.moray.gov.uk/

'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Mhoireibh (Beurla: Moray Council).

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha i suidhichte air àird an ear-thuath na h-Alba. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air àird an iar dhith agus tha Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain air àird an ear-dheas. Tha i suidhichte air bruach Linne Mhoireibh.

Chaidh a' chomhairle a chur air bhonn ann an 1996. Tha i a' gabhail a-steach an t-siorrachd traidiseanta Moireibh agus pàirt dhen t-Siorrachd Bhanbh.

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 10 comhairlichean neo-eisimileach, 11 comhairlichean Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, 2 Pàrtaidh Làbarach na h-Alba agus 3 Tòraidhean air a' chomhairle.[1]

Bhathar a’ bruidhinn na Gàidhlig ann am Moireibh, eadar rìoghachd, siorrachd, sgìre no àrainn comhairle a bh’ ann, mus tàinig rìoghachd na h-Alba gu bith. B’ i a’ Ghàidhlig a bh’ aig muinntir dùthaich MhicBheatha, ’s aig a’ chuid mhòir de mhuinntir na h-Alba. B’ ann mar sin a dh’fhan cùisean fad linntean ged a bha bailtean mar Eilginn is Farrais nan tarraing do luchd-ciùird Gallda is Fleamach bho na Linntean Meadhanach a-mach.[2]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cò tha an comhairliche agaibh? (Beurla)
  2. [[ https://www3.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/suil/Moireibh.pdf. A’ Ghàidhlig ann am Moireibh]]