Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Dùn Èideann

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dùn Eideann)
Dùn Èideann

Seallaidhean Dùn Èideann
Suidheachadh
Dùn Èideann is located in Alba
Dùn Èideann
Dùn Èideann (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Baile Dhùn Èideann
Co-chomharran 55° 56′ Tuath
3° 9′ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 259 km²
Àireamh-shluaigh 459,366 (2011[1])
Dlùths 1,773.61/km²
Àireamh fòn 0131
Duilleag oifigeil http://www.edinburgh.gov.uk/

'S e Dùn Èideann[2] (Beurla: Edinburgh) prìomh-bhaile na h-Alba (bho 1437) ach chan e am baile as motha – sin Glaschu. 'S e 453,670 àireamh-shluaigh a' bhaile agus 's e an seachdamh cathair as motha a tha anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Dùn Èideann suidhichte air an oirthir aig taobh an ear na h-Alba. B' e Dùn Èideann prìomh-bhaile sgìre Roinn Lodainn cuideachd.

Dùn Èideann ann an 1300

'S e baile le sean Rìoghachd Bhreatannach a bh' ann an Dùn Èideann no Din Eidyn mar a chanar anns an sean chànan aig nam Breatannaich. Tha an daingneach fèin suidhichte air creag bholcanachd. Rè an linn-deighe, bha sgìre Dùn Èidinn fo raon dòigh a bha siubhal dhan ear. Dh'fhàg sin aghaidh dìreach dhan iar de'n creag agus earball truaill dhan ear (Is e creag is earball an t-ainm air an cruth-tìre seo). Air barrachd dh'fhàg e lagan air taobh tuath agus taobh dheas- a chruthaich da loch: Loch A' Thuatha agus an Loch Deasachd.

Tha "An Seann Bhaile" suidhichte air an earball, leis an Àrd Sraid na ruith sìos na droma dhan Chanongait a leanas air adhart gu geata Lùchairt Rìoghail An Ròid. Eadar Dùn agus lùchairt lorgar prìomh togalach na stàite: Seann Ceàrnag a' Phàrlamaid–a tha chun latha an diugh prìomh ionad nan luchd-lagha Albannaich (gleidh Achd an Aonaidh de 1707 rian lagh na h-Albainn) agus an Àras, sònraichte ris Giles Naomh, Seachad air Taigh Comhairle Dhùn Èidinn, lorgar an seann "Tolbooth" agus Taigh Seinnse "Deireadh an t-Saoghal" (a chomharraicheas iomall balla a' bhaile 's na meadhan aoisean, nuair a bha an Canongait na baile fa-leth taobh a-muigh na ballaichean). Ri taobh bun a' Chanongait lorgar "Taigh an Roid", taigh pàrlamaid ur na h-Alba.

Thòisich am baile a sgap am seachad air a sheann crìochan rè an 18mh cheud. Thogadh Baile Ur Dhùin Èidinn dhan thaobh tuatha aig deireadh an 18mh cheud, mu'n am a' ghluais muinntir an oilthigh dha thaobh deas far a bheil an oilthigh suidhichte chun latha an diugh.

'S e cridhe a' bhaile Caisteal Dhùn Èideann air mullach Creag a' Chaisteil. Tha fèis armachd ainmeil ann gach bliadhna ris an canar an "Edinburgh Military Tattoo", far am bi saighdearan a sealltainn cho ealanta 's a tha iad ann an co-fharpais, ceòl agus màrsadh.

Cluicheadairean air prìomh-shràid Dhùn Èideann

Tha fèis ainmeil eile ann airson dràma ris an canar, gu simplidh, Fèis Dhùn Èideann' no The Edinburgh Festival' ann am Beurla. Bidh mìltean de chleasaichean a' tighinn agus a' gabhail pàirt bho fheadhainn ainmeil gu feadhainn neo-ainmeil a tha a' feuchainn ri ainm a dhèanamh dhaibh fhèin.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Dùn Èideann anns na bliadhnaichean 1899, 1910, 1919, 1935, 1951, 1960 agus 1986.

Tha an lann-cluiche nàiseanta airson sgioba Rugbaidh Albannach ann – Murrayfield – agus dà sgioba mòr ball-coise a bhios a' cluich anns a' Phrìomh-Lìog; Hibs agus Hearts.

Tha Sgioba nàiseanta criogaid na h-Alba a' cluich aig The Grange ann an Dùn Èideann. Chum Dùn Èideann Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an 1970 agus 1986.

'S e bun-sgoil làn-Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Tha e faisg air Pàirc Pilrig anns an Lìte. Faodaidh clann a thig tron sgoil leantainn orra aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig far a bheil iomadh cuspair ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Oilthigh Dhùn Èideann

Tha dìleab agus tòrr eachdraidh ann am foghlam a' bhaile agus 's e Oilthigh Dhùn Èideann aon de na h-oilthighean as ainmeil ann am Breatainn agus san t-saoghal. Tha dà oilthigh ùr ann an Dùn Èideann, Oilthigh Heriot-Watt, stèidhichte ann an 1821 agus Oilthigh Napier, stèidhichte ann an 1992.

Tha Scottish Agricultural College (SAC) an colaiste ann an Dùn Èideann a deas.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Am Baile Àirneach | Àth na Sglèata | Balgreen | Brunstane | Cnoc Churraich | Cnoc an Rìgh | Comely Bank | Crois na Cìse | Drumbrae agus Gyle | Dùn Mheinidh | Gracemount | Gyle a Deas | Hailes an Iar | Liberton | Lìte | Margadh an Fheòir | Sean Bhaile | Taigh an Ròid | Talla na Creige Nuadh

Baile-cèile

[deasaich | deasaich an tùs]

Aistean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 12mh dhen Ghearran 2017.
  2. Edinburgh/Dùn Èideann”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2023.
  3. Urząd Miasta Krakowa
  4. Annuaire de France
  5. SisterCities

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Éideann