Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Muileann-Ghaidh

O Uicipeid
Muileann-Ghaidh

Meadhan a' bhaile far a bheil Slighe na Gàidhealtachd an Iar a' tòiseachadh.
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 56′ 29″ T
4° 19′ 8″ I
Comharradh-clèithe NS552745
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 12,795 (2001[1])

'S e baile ann an Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear a tha ann am Muileann Dhàibhidh[2] no Muileann-Ghaidh[3] (Beurla: Milngavie). Tha am baile suidhichte air Abhainn Allander mu 6 mìltean air àird an iar-thuath Ghlaschu.

Tha mòran daoine ann a tha a' fuireach ann am Muileann Dhàibhidh ach ag obair ann an Glaschu.

Tha stèisean rathad-iarainn Muileann-Ghaidh aig ceann a' thuath meur loidhne de na "Dealanaich Glaschu" a dhealaicheas bho Rathad-iarainn Gaidhealtachd an Iar aig a' Bhaile Siar. Gheibhear trèanaichean dìreach bho Mhuileann-Ghaidh gu Stèisean Glaschu Sràid na Banrighinn.[4]

Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair, a tòiseachadh an seo. Tha liagan à eibhir ann am meadhan a' bhaile a' sealltainn tòiseachadh na slighe.[5]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Scotland's Census Result OnLine
  2. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", Pàrlamaid na h-Alba
  3. Milngavie/Muileann-Ghaidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017.
  4. Milngavie”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017.
  5. The West Highland Way, Milngavie, Fort William, Walking in Scotland”. Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]