Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Sòrbais

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sorbais)
Sòrbais (serbšćina)
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

mu 20,000 [1]

Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 chan eil gin
ISO 639-2 wen (teaghlach chànan)
hsb (Sòrbais Uachdarach)
dsb (Sòrbais Ìochdarach)
ISO 639-3 hsb (Sòrbais Uachdarach)
dsb (Sòrbais Ìochdarach)
Roinnean anns a' Ghearmailt, far a bheil Sòrbais ga bruidhinn

Is e cànan Innd-Eòrpach a tha ann an Sòrbais. Serbšćina sa chànan fhèin. Air neo, gus a bhith nas cirte, ’s e cruinneachadh a th’ ann de dà chànan sgrìobhte a tha dlùth ri chèile agus iomadh dualchainnt. Buinnidh i don roinn Shlàbhach den theaghlach Indo-Eòrpach. Ainmean eile a b’àbhaist a bhith oirre b’iad Wendish no Lusatian sa Bheurla, Wendisch sa Ghearmailtis. Tha an t-Sòrbais ga bruidhinn sna stàitean Brandenburg agus Sagsainn den Ghearmailt, faisg air a’ chrìch ris a’ Phòlainn agus ris an t-Seic.

Tha dà chànan ann: Sòrbais Uachdarach (hornjoserbšćina, Beurla: Upper Sorbian) agus Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina, Beurla: Lower Sorbian). Tha an t-Sòrbais Uachdarach ga bruidhinn ann an Sagsainn le timcheall air 13,300 duine agus tha an t-Sòrbais Ìochdarach ga bruidhinn ann am Brandenburg le timcheall air 6,670 duine. Canar Lusatia sa Bheurla/Ladainn (Łužica san t-Sòrbais Uachdarach, Łužyca san t-Sòrbais Ìochdarach, Lausitz sa Ghearmailtis) ris an sgìre far a bheil an dà chànan gam bruidhinn. Tha an t-Sòrbais dlùth-chàirdeach don t-Seacais, don t-Slòbhacais agus don Phòlainnis ach anns an là an-diugh tha buaidh làidir aig a' Ghearmailtis oirre cuideachd. Nochd an t-Sòrbais a’ chiad turas mar chànan anns an litreachas anns an t-siathamh Linn.

Eachdraidh a' chànain

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e sluagh Slàbhach an Iar a th' anns na Sòrbaich, sluagh gun dùthaich, gun stàit aige fhèin. Anns an t-siathamh Linn, thàinig sinnsearan nan Sòrbach dhan Ghearmailt, dhan sgìre taobh an ear nan abhnaichean Elbe agus Saale.Thug iad an t-ainm Lausitz dhan sgìre. Ged a bha 20 geug eadar-dhealaichte aig an t-sluagh, cha robh ach na Lusici agus na Milzener comasach thairis air na linntean air am fèin-aithne a ghlèideadh. Thàinig tuinichean eile bho air feadh na dùthcha, gu h-àraidh na Sagsannaich, na Flannraich, na Tùiringaich agus na Frangan. Thairis air na linntean dh'fheuch cha mhòr a h-uile riaghaltas ri bacadh a chur air an t-Sòrbais. Anns an treas Linn deug, bha an t-Sòrbais toirmisgte anns na bailtean mòra agus chaidh riaghailtean a stèidheachadh taobh a-staigh nan comainn-cheàrd gum bu chòir dhan Ghearmailtis a bhith aig daoine nam biodh iad ag iarradh obair. Bhon t-seachdamh Linn deug a-mach, bha leasachadh an aghaidh na Sòrbais ri fhaicinn cuideachd oir bhathar den bheachd gun robh an t-Sòrbais agus mion-chànanan eile cunnartach agus bhathar ag iarraidh Impireachd na Gearmailte a dhìon. A dh’aindeoin sin, chaidh àireamh nan Sòrbach am meud gus an robh barrachd is dà cheud mìle duine a’ bruidhinn na Sòrbais mar chànan màthaireil. Air sgàth ’s gun robh Sòrbais aig a’ mhòrchuid ann an Lusatia, bha tionndadh air crìonadh a’ chànain ri fhaicinn anns an naoidheamh Linn deug agus bha na daoine moiteil às an cànan fhèin. Ach aig an aon àm, chaidh laghan an aghaidh na Sòrbais a stèidheachadh leis a' Phruis. Thòisich na pàipearean-naidheachd air crìonadh agus bha an t-Sòrbais toirmisgte anns na sgoiltean. Eadar 1921-1945 bha an t-Sòrbais toirmisgte gu tur agus chaidh ceannardan nan Sòrbach a chur gu prìosan. Às dèidh an dàrna cògaidh bha Lusatia na phàirt den raon Sovietach agus bhon àm sin fhuair na Sòrbaich taic airson an cànan a chleachdadh anns na roinnean poblach. Às dèidh 1989 chaidh còirichean a stèidheachadh airson an t-Sòrbais a dhìon.

Tha còir aig gach pàiste air foghlam fhaighinn tro mheadhan na Sòrbais, an dòchas gun tig a h-uile sgoilear gu fileantachd phragtaigeach anns an dà chànan Sòrbais agus Gearmailtis. A bharrachd air sin, tha an t-Sòrbais ga teagasg mar chuspair fa leth ann am bun-sgoiltean eile. Tha an t-Sòrbais ga teagasg ann an ceithir àrd-sgoiltean, agus tha dà sgoil-chòmhnaidh ann cuideachd ann an Cottbus agus ann am Bautzen. A bharrachd air sin, tha ceòl tradaiseanta, bàrdachd agus dannsa tradaisenta gan teagasg airson cultar nan Sòrbach a neartachadh. Chaidh coimeas a dhèanamh eadar sgoiltean gun Sòrbais agus feadhainn le Sòrbais agus fhuaireadh a-mach gun robh an aon ìre aig na sgoiltean, air neo gun robh na sgoilearan na b' fheàrr aig an robh an t-Sòrbais.

Inbhe a' chànain

[deasaich | deasaich an tùs]

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain [2].

Ann an 1997 chuir a' Ghearmailt a h-ainm ri Cumhnant Eòrpach airson Cànan Roinneil no Mion-chànanan[3]: A rèir seo

  1. Tha na Sorbaich a' buntainn don t-sluagh Ghearmailteach.
  2. Tha na Sorbaich a' fuireach gu tradaiseanta anns a' Ghearmailt.
  3. Tha iad a' fuireach an seo anns an àite-tuineachaidh seasmhach aca.
  4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.


Tha dà Achd ann:

  1. Achd Sagsannach nan Sòrbach
  2. Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg

A rèir nan Achdan seo tha còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil anns a' chùirt, agus mur am bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin feumaidh saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair a sholarachadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur an àirde agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.

Planadh-cànain

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha saor-stàit Sagsainn air planadh-cànain airson na Sòrbais a stèidheachadh[4]. Thathar den bheachd gu bheil e cudromach gun tèid foghlam dà-chànanach a bhrosnachadh ann an Lausitz, agus thathar ag iarraidh tuilleadh luchd-teagaisg ann an Lausitz airson a bhith cinnteach gum tèid foghlam tro mheadhan na Sòrbais a thoirt seachad san àm ri teachd. Thathar ag iarradh gum bi clasaichean-oidhche ann airson inbhich. Bidh e cudromach gum bi an t-Sòrbais follaiseach anns na bailtean air fad. Uime sin, chaidh soidhnichean-rathaid a chur an àirde mar-thà, agus bidh tuilleadh a’ leantainn. A bharrachd air sin, bu chòir don teicneolas ùr eadar-theangachaidhean a toirt seachad. Thathar ag iarraidh gun tèid na Sòrbaich a bhrosnachadh airson an cànan a chleachdadh, agus bheirear taic do dh’fhoillsichearan, agus do thaighean-tasgaidh ùra a dhèanas an cultar, an eachdraidh is an ceòl so-fhaicsinneach.

’S e baile Bautzen neo Budyšin ann an Lusatia Uachdarach teas-meadhan na beatha cultarach Sòrbais Uachdarach. ’S ann an seo a tha Ionad na Sòrbais (Sorbisches Institut - Serbski institut) suidhichte, a tha a’ dèanamh rannsachadh mun eachdraidh, mun chultar agus mun chànan.

’S e baile Cottbus (Chóśebuz) teas-mheadhan an chànain Sòrbais Ìochdarach.

Tha Sòrbais ga bruidhinn cuideachd ann an sgìre bheag ann an Lee County, Texas.

Tha cuid de dh’ainmean anns a’ Ghearmailt an Ear a’ tighinn bhon t-Sorbais, m.e.:

Seo eisimpleir le Sòrbais agus Gàidhlig a tha a' sealltainn an diofair eadar Sòrbais Uachdarach is Sòrbais Ìochdarach:

Gàidhlig Sòrbais Uachdarach Sòrbais Ìochdarach
Halò! Witaj! Witaj!
Madainn mhath! Dobre ranje! Dobre zajtšo!
Latha math! Dobry dźeń! Dobry źeń!
Feasgar math! Dobry wječor! Dobry wjacor!
Oidhche math! Dobru nóc! Dobru noc!
Tha mi à ... Ja sym z ... Ja som z ...
Ciamar a tha sibh? Kak so wam wjedźe/dźe? Kak se wam źo?
Ciamar a tha thu? Kak so ći dźe? Kak se śi źo?
Tha gu math, tapadh leibh/leat. Dźakuju so, wjedźe/dźe so mi derje. Źěkuju se, źo se mě.
Tha i brèagha an-diugh, nach eil? Rjane wjedro dźensa, něwěrno? Rědne wjedro źinsa, nic ga?
mas e do thoil/ur toil e prošu pšosym
tapadh leat/leibh dźakuju so źěkuju se
A bheil sibh a’ bruidhinn Sorbais? Rěčiće serbsce? Powědaśo serbski?
Càite am b’ urrainn dhomh… a cheannachd? Hdźe móžu ... kupić? Źo mogu ... kupiś?
Cia mheud a tha ...a’ cosg? Kelko płaći ...? Wjele płaśi ...?
Càite am b’ urrainn dhomh cupa cofaidh òl? Hdźe móžu šalku kofeja pić? Źo mogu tasku kafeja piś?
Slàinte! K strowosći! Na Wašo strowje!
Slàn leat! Božemje! Na zasejwiźenje!
Tìoraidh! Měj so rjenje! Měj se derje!
  1. Ethnologue
  2. Bericht der deutschen Staatsregierung zur Lage des sorbischen Volkes
  3. European Charter for Regional or Minority Languages: List of declarations made
  4. Maßnahmeplan

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]