Sgilean àireamhachd
Iomadachadh
Gabhaidh àireamh a bhith air a h-iomadachadh gu dà ionad dheicheach le àireamh shlàn aon-fhigear no le iomadan de 10, 100 agus 1000 a' cleachdadh fòrmat sgrìobhte àbhaisteach agus gun àireamhair.
Roinneadh
Gabhaidh àireamh a roinn gu dà ionad dheicheach le àireamh shlàn aon-fhigear no le iomadan de 10, 100 agus 1000 a' cleachdadh fòrmat sgrìobhte àbhaisteach agus gun àireamhair.
Astar, luaths agus ùine
Tha an co-aontar airson astar, luaths agus ùine a' leigeil dhuinn astar, luaths agus ùine obrachadh a-mach. Anns gach obrachadh dhiubh seo, bu chòir gum biodh na h-aonadan a' co-fhreagradh ri chèile.
A' cruinneachadh
Glè thric bidh freagairtean air an obrachadh a-mach gu ìre nas mionaidiche na tha a dhìth. Ann an suidheachadh mar sin, faodaidh tu freagairtean a chruinneachadh chun na mionaideachd a dh'fheumas tu.
A' tuairmeas agus a' cruinneachadh
Tagh, obraich a-mach agus cruinnich freagairtean chun na h-àireimh bhrìgheil as fhaisge. 'S e aon dòigh air freagairt a thuairmeas, no a thomhas, am freagairt a chruinneachadh gu figearan brìgheil.
Bloighean
Gabhaidh ceistean obrachadh a-mach le bloighean de chumaidhean 's uireadan. Faodar bloighean measgte a chur-ris/ thoirt-air-falbh 'son an àireamh de phàirtean bloigheach an àireamh mheasgte a lorg.
Ceudadan
Faodar ceudadan de chumaidhean agus uireadan a chleachdadh 'son obrachadh a-mach. Faodar meudachadh agus lùghdachadh ceudadach obrachadh a-mach, agus uiread a sgrìobhadh mar cheudad de dh'uiread eile.
Co-mheas
Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad. Le fios mu cho-mheas, faodar uireadan obrachadh a-mach.
Sgilean ionmhasachd
A' buidseatadh
'S e buidseatadh liosta de theachd-a-steach is de chosgaisean thar ùine no tachartas sònraichte. Leis an liosta, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu theachd-a-steach is mu chosgais rè ùine.
Teachd-a-steach
'S e teachd-a-steach an t-airgead a bhios a' tighinn gu duine no gu buidheann. Tha teachd-a-steach gu lèir a' tighinn fo riaghailtean chìsean.
Sàbhaladh agus iasadan
Tha iomadh dòigh ann air coimhead às dèidh sàbhaladh agus air iasad airgid fhaighinn. Mar as trice, bidh agad ri coimhead gu dlùth air ìrean rèidh.
Am bargan as fheàrr
Nuair a bhios tu a' smaoineachadh air rudeigin a cheannach, tha e glic am bargan as fheàrr a lorg le bhith a' coimeas fiosrachadh mun nì no mun t-seirbheis, cumhachan na tairgse agus prìs an nì.
Ag atharrachadh airgead
Ro thuras a-null thairis, feumar tric airgead atharrachadh gu airgead a' chinn-uidhe. Tha reatan-iomlaid gan cleachdadh gus suimeannan obrachadh a-mach agus uaireannan tha coimisean ri phàigheadh.
Riadh sìmplidh
A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.
Riadh fillte
Le riadh fillte tha sùim an rèidh ga chur-ris an t-sùim a bh' ann bho thùs aig deireadh na bliadhna. Mar sin, san ath bhliadhna, tha riadh air obrachadh a-mach air sùim airgid nas motha.
Sgilean staitistigs
Diagraman staitistigeach
Faodar measgachadh de dh'fhiosrachadh staitistigeach a shealltainn tro dhiagraman, a' ciallachadh gum feum thu clàran-cearcaill is diagraman tricead tionalach a dhèanamh, a mhìneachadh is a choimeas.
A' coimeas sheataichean-dàta
'S urrainn dhuinn seataichean-dàta a choimeas a' cleachdadh chuibheasan agus tomhasan sgaoilidh. Bidh plot-bhogsaichean a' toirt fiosrachadh mun raon, mun mheadhan agus mu na cairtealan.
Claonadh àbhaisteach
'S e tomhas de sgaoileadh dàta mun cuairt air luach meadhain a th' ann an claonadh àbhaisteach. Tha e air a chleachdadh ann a bhith a' tomhas cunbhalachd eadar diofar sheataichean-dàta.
Riosg agus a bhuaidh
Tha sùil ga toirt air a' cheangal eadar coltachd shìmplidh agus dùil-triceid tro choimeasgadh de staitistearachd gus rannsachadh a dhèanamh air riosg agus a' bhuaidh aige air ar beatha.
Sgilean tomhais
Seòladaireachd
Gabhaidh turas mara a phlanadh le map no plana. A' cleachdadh chùrsaichean is faid thèid agad air an cùrsa a shealltainn air graf. Gabhaidh astaran is cùrsaichean nach aithne dhut a lorg bhon diagram.
Pacaigeadh
Bidh againn ri pacaigeadh ann an iomadh suidheachadh, me a' pacaigeadh bhogsaichean airson gluasad, a' pacaigeadh chointèanairean luchd airson diofar bhàtaichean no a' lìonadh aiseagan le carbadan.
Clàran prìomhachais
Tha clàr prìomhachais math 'son gnìomhan a chur ann an òrdugh nuair a bhios tu a' planadh. Tha e stèidhichte air dè na gniomhan a dh'fheumas tighinn às dèidh a chèile is dè dh'fhaodas tachairt còmhla.
Fulangas
'S e fulangas an ìre mionaideachd a tha a dhìth ann an tomhas, no an raon luachan de thomhas, ris an urrainn dhut gabhail. 'S e an comharra àbhaisteach ± (luach àireamhach).
Sgilean geoimeatraidh
Cuairt-thomhas agus farsaingeachd
Faodar cuairt-thomas agus farsaingeachd triantain, ceithir-cheàrnaich, cearcaill, arcan, seactoran agus cumaidhean ceangailte obrachadh a-mach a' cleachdadh fhoirmlean.
Tomhas-lìonaidh
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh agus farsaingeachd uachdair nan ciùbaidean, ciùban, priosaman, siolandairean, cruinnean, cònaichean is cumaidhean ceangailte le foirmle freagarrach.
Pythagoras
Faodar Teoram Phythagoras a chleachdadh gus faid an treas taobh de thriantan ceart-cheàrnach obrachadh a-mach nuair a tha faidean an dà thaoibh eile agad.
Caisead
Tha caisead na thomhas air dè cho cas 's a tha leathad no loidhne. Faodaidh sinn caiseadan obrachadh a-mach le bhith a' roinn na h-àirde bheartagail leis an astar chòmhnard.