Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                

Is cànan Gearmailteach a tha ann am Beurla (English) mar a tha Duitsis, Gearmailtis agus cànanan Lochlainn msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-saoghal; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sa chruinne an dèidh Sìonais (1mh) agus Hindi (2na); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh na Spàinntis. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nan Dùthchannan Aonaichte, còmhla ri Fraingis.

Beurla
English
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

360–400 millean bho thùs, 400 millean eile gu fileantach[1]

Reangach 3 (fileantach bho dhùthchas), 1/2 (iomlan)
Teaghlach-chànan

Cànan Ghearmailteach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Còdan Cànan
ISO 639-1 en
ISO 639-2 eng
ISO 639-3 eng
Roinnean far a bheil Beurla ga bruidhinn

Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile

deasaich

Ged is i Sasainn a' Gàidhlig air an dùthaich, agus Sasannach air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i Beurla a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do Bélre san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".[2] Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh cainnt, no teanga san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, Beurla Ghallda air an cuireadh Beurla Ghallda bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i Beurla na Fèinne a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.[3]

Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach – na h-Anglaich – a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin; England, English. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan mar Shìonais no Iapanais, chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn no Breatainn, a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca air Alba, a' Chuimrigh ag]us Èirinn a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (eigo) ri Beurla Shasainn, agus 英国(eikoku) ri Breatainn, Sasainn no an Rìoghachd Aonaichte am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国), agus an R.A(イギリス no Sasainn(英国、イギリス、イングランド)nan eanchainnean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar an cànan fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランド ingurando (Sasainn),スコットランドsukottorando (Alba), ウエールズueeruzu (A' Chuimrigh), 北アイルランド kitaairurando (Èirinn a Tuath) agus イギリス igirisu (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann an Cuach na Cruinne ann an Iapan an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacail Phortagailisingles – a th' ann an イギリス.

  • N.B (Ged a tha abairt ann mar 連合王国 (Rengououkoku – An Rìoghachd Aonaichte), chan eil e air a cleachdadh gu tric. Cleachdaidh Seirbhis Puist Nàiseanta Iapain イギリス (igirisu) mar ainm airson An Rìoghachd Aonaichte).

Eachdraidh

deasaich

Thàinig a' Bheurla bho thùs gu bith bho na dual-chainntean Angla-Fhreaslainnis a bh' air an labhairt leis na treubhan Gearmailteach – Anglaich, Sagsanaich, Diutaich agus Freaslainnich – a bhruth a-steach do Bhreatainn a Deas aig toiseach a' chòigeamh linn agus a bhuineadh do sgìrean far am bheil Iar-thuath na Gearmailt agus Tìrean Ìsle a Tuath an-diugh.

An dèidh do Uilleam Diùc Normandaidh na Sasannaich a cheannsachadh, chuir e fhèin agus na h-uaislean aige dìmeas air a' Bheurla agus gach ni Sasannach. Cha robh cànan sam bith air a theagasg ann an sgoiltean no oilthighean ach Fraingis no Laideann rè mòran linntean an dèidh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a' Bheurla bho na làithean ud.

Cha robh a' Bheurla gu deireadh linn an treasamh Ìomhair, Rìgh Shasainn, idir coltach ris a' Bheurla a tha air a labhairt san latha an-diugh. Air an adhbhar sin, chan eil seann leabhraichean sgrìobhte rim faighinn anns a' Bheurla mar a gheibhtear ann an Gàidhlig, Laideann no seann chànanan eile. [4]

An dèidh Buaidh nan Normanach, chaidh Seann Bheurla na Beurla Mheadhanach, a' gabhail a-steach an t-uabhas fhaclan-iasaid agus gnàthsan litreachaidh bho chainnt nan Normanach (Sasannach-Fhrangach). Thàinig Beurla an latha an-diugh gu bith bhon uairsin, agus san latha a th' ann, 's ann a tha i a' leantainn oirre faclan-iasaid cèin a thoirt a-steach bho chaochladh chànanan, a thuilleadh air a briathrachais fhèin a chruthachadh.

Dualchainntean

deasaich

Thug an Impireachd Bhreatannach a' Bheurla còmhla riutha oir a bha i an cànan riaghlachais anns a' h-uile tuineachas. Tha dualchainntean eadar-dhealaichte na Beurla anns an Alba, a' Chuimrigh is an Èirinn, anns na Stàitean Aonaichte, anns na h-Innsean, ann an dùthchannan na h-Afraga agus dùthchannan eile.

Tha cuideachd crìtheolan a thàrmaich às a' Bheurla, mar eisimpleir Patois Diameugach, Crìtheol na Bheilìs, Gullah (ann an t-Saoghal Ùr), "Hinglish", "Singlish" is eile (ann an Àisia), agus Crìtheol nan Eileanan Hawai'i anns a' Chuan Sèimh. Tha crìtheolan eadar-dhealaichte ann an mòran eilean ann an Roinn Charaibeach.

Aistean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Crystal, David (2002): Language Death. Cambridge University Press. ISBN 978-1-139-10685-6. doi:10.1017/CBO9781139106856. Air a thogail 25mh dhen Ghearran 2015. 
  2. Faclair MhicBheathain
  3. Dwelly-d
  4. T. (14mh dhen Mhàrt 1896): “Naidheachdan,” ann an: Mac-Talla, td. 7. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.