Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Breda
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Noord-Brabant
Co-chomharran 53° 34 00' Tuath
04° 48 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 129.15 km²
Àireamh-shluaigh 178,280 (2012)
Dlùths 1,380.41/km²
Àireamh fòn (+ 31) 076[1]
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Tilburg agus Strijen ann an ceann a deas nan Tìrean Ìsle a th' ann am Breda (IPA: bre.ˈdaː, Fraingis: Bréda, West-Brabants: Bredao). Tha e suidhichte 9m os cionn ìre na mara,[2] aig inbhir na h-aibnichean Aa agus Mark, anns an roinn Brabant a Tuath (Duitsis: Noord-Brabant), 88km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 43km bho Rotterdam, 63km bho Den Haag, 52km bho Eindhoven agus 61km bho Utrecht.[3] Chaidh Breda a chlàradh airson a' chiad turas san 11mh Linn agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1252. Tha 178,280 duine a' fuireach ann.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an naoidheamh baile as motha na dùthcha a th’ ann am Breda.[5] Tha Breda ainmeil ann an saoghal an ealain leis gun do rinn Diego Velazquez sàr dhealbh ann an 1634 mu strìochd a’ bhaile ri linn a’ chogaidh eadar An Spàinn agus Na Tìrean Ìsle. Bha Teaghlach Rìoghail na h-Alba, Na Stiùbhartaich, nan tàmh ann am Breda fad an 17mh linn agus fiù 's chuir Teàrlach II ainm do chòrdadh an seo ann an 1660 mus do thill e dhachaigh.[6] Tha ann t-ainm Breda a’ ciallachadh Aa leathann, bho brede (leathann) agus Aa, ainm na h-aibhne.

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Utopia
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Centraal Bureau voor de Statistiek
  5. Geonames
  6. Lister, Thomas Henry (1838). Life and administration of Edward, first Earl of Clarendon: with original correspondence, and authentic papers never before published. Longman, Orme, Brown, Green, and Longmans
  7. DB City

Ceanglaichean a-mach

deasaich