Lilongwe
Lilongwe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Malabhaidh |
Ceàrn | Lilongwe fhèin |
Sgìre | Central |
Co-chomharran | 13° 59 23' Deas 33° 47 19' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 866,272 (2008) |
Àireamh fòn | + |
'S e Lilongwe prìomh-bhaile Mhalabhaidh. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha air bruach an Abhainn Lilongwe. 'S e seo an co-chomharran aige: 13° 59’ Deas agus 33° 47’ Ear. Tha Lilongwe 1,338km air falbh bho Mhaputo (Mozambique), 612km bho Lusaka (Saimbia), agus 893km bho Dhodoma (Tansainìa).[1] Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, aig 1,025m os cionn ìre na mara.[2]
An tòiseach b’ e clachan a bha ann an Lilongwe ach bha e na mheadhan chlèireachail aig àm colonaidh Bhreatainneach aig tòiseach na 20mh linn. Ach dh' fhàs am baile nas motha, anns a’ bhliadhna 2003 bha 597,619 duine a’ fuireach an seo. Ann an 1974 dh’ imrich an riaghaltas Mhalabhaidh bho Zomba, an ceithreamh baile as motha [3] gu Lilongwe. Ged as e Lilongwe an teas meadhan poileataigeach ann am Malabhaidh , ‘s e Blantyre, am baile as motha na dùthcha, an cridhe eaconomaidh fhathast.
Dealbhan
-
Margadh le stuth traidiseanta ann an Lilongwe
-
Suidheachadh Lilongwe
Ceanglaichean A-mach
Iomradh
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Mongabay
- ↑ World Gazetteer: Malawi: Bailtean as motha a-rèir àireamh-shluaigh
Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé