Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Lilongwe

O Uicipeid
Lilongwe
Suidheachadh
Dùthaich Malabhaidh
Ceàrn Lilongwe fhèin
Sgìre Central
Co-chomharran 13° 59 23' Deas
33° 47 19' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 866,272 (2008)
Àireamh fòn +

'S e Lilongwe prìomh-bhaile Mhalabhaidh. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha air bruach an Abhainn Lilongwe. 'S e seo an co-chomharran aige: 13° 59’ Deas agus 33° 47’ Ear. Tha Lilongwe 1,338km air falbh bho Mhaputo (Mozambique), 612km bho Lusaka (Saimbia), agus 893km bho Dhodoma (Tansainìa).[1] Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, aig 1,025m os cionn ìre na mara.[2]

An tòiseach b’ e clachan a bha ann an Lilongwe ach bha e na mheadhan chlèireachail aig àm colonaidh Bhreatainneach aig tòiseach na 20mh linn. Ach dh' fhàs am baile nas motha, anns a’ bhliadhna 2003 bha 597,619 duine a’ fuireach an seo. Ann an 1974 dh’ imrich an riaghaltas Mhalabhaidh bho Zomba, an ceithreamh baile as motha [3] gu Lilongwe. Ged as e Lilongwe an teas meadhan poileataigeach ann am Malabhaidh , ‘s e Blantyre, am baile as motha na dùthcha, an cridhe eaconomaidh fhathast.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. World Gazetteer: Malawi: Bailtean as motha a-rèir àireamh-shluaigh