Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Lugo

O Uicipeid
Lugo
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Lugo
Sgìre A' Ghàilis
Co-chomharran 43° 01' Tuath
07° 33' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 332 km²
Àireamh-shluaigh 97,635 (2010)
Dlùths 294.08/km²
Àireamh fòn + 34 982
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Lugo. ‘S ann às an Laideann Lucus Augusti a th' ann an t-ainm, is bha am baile a stèidheachadh mu 25 Ro Chrìosd.[1] 'S docha gun do stèidhich na Ròmanaich an t-ainm aca air an t-seann ainm Lugh, Dia Ceilteach. Tha Lugo suidhichte ann an Roinn Lugo, shuas air còmhnard àrd,[2] aig 370m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh na h-aibhne Miño.[4] Tha Lugo 492km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 81km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise.[5] Tha 97,635 daoine a’ fuireach ann an Lugo,[6] an 4mh baile as motha anns a' Ghàilis agus an 66mh baile na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Lugo a th' ann Lugo cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Lucus Augusti ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh coille naomh.[8] A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à ainm an Dheth Ceilteach Lugh a tha e.[9]

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[10] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[11]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cervantes Virtual
  2. Gruop Teresa
  3. Mongabay
  4. Lugo Virtual
  5. Distance Calculator
  6. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  7. Bailtean na Cruinne
  8. A Xunta
  9. Perseus
  10. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  11. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]