Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Skagerrak

O Uicipeid
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Skagerrak
Suidheachadh
Ainm dùthchail Skagerrak
Seòrsa Caol
Farsaingeachd 31,700km²
Fad 240km
Leud 80km - 120km
Mòr-roinn Roinn-Eòrpa
Dùthaich An Danmhairg
An t-Suain
Nirribhidh
Làrach-lìn Miljostatus

'S e caolas ann an ceann a tuath na Roinn-Eòrpa a th' ann an Skagerrak (IPA na Suainis: skɑːɡərak, na Danmhairgis: sɡ̊æɪ̯ˀɐʁaɡ̊). Tha e suidhichte eadar an Danmhairg, Nirribhidh agus an t-Suain agus 's e an ceangal mara eadar an Cuan a Tuath agus am Muir Baltach, (tron Øresund/Kattegat) a th' ann.[1] Tha an Skagerrak 240km² air fad, agus eadar 80km agus 120km a dh'fhaide. Tha an Skagerrak beagan nas doimhne na am Muir Baltach, eadar 200m agus 700m thar cheann. Tha salannachd mheadhanach aige, mu 30 psu. Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à rak (Gàidhlig: slighe-uisge) agus Skagen, ainm an leth-eilein a tha aig a' cheann thall na Danmhairg, a tha an t-ainm.[2] 'S e co-dhàimh leis a' Ghàidhlig rag a tha seo. Chanadh Jótlandshaf ris roimhe sin ann an Lochlannais. 'S e àite gu math gaothach a th' ann.[3]

Bailtean

Iomraidhean

  1. SMHI
  2. Nudansk Ordbog (1993), Copenhagen: Politikens Forlag, entry Skagerrak.
  3. Windfinder