Alba Iulia
Alba Iulia Gyulafehérvár Karlsburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Alba | ||||
Co-chomharran | 46° 04 01' Tuath 23° 34 12' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 103.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 63,536 (2011) | ||||
Dlùths | 612.99/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 58 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhannach eadar Deva agus Sibiu, ann an cridhe Romàinia a th' ann an Alba Iulia (IPA: ˈalba ˈjuli:a, Ungairis: Gyulafehérvár, Gearmailtis: Karlsburg/Weißenburg). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureş, aig 230m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Alba. Tha 63,536 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S e eadar-theangachadh on t-seann ainm Bălgrad (Gàidhlig: Baile Geal) ann an Slabhais agus ainm tighearna-cogaidh air an robh Gyula, s' a tha ainm a' bhaile.[2] Sgrìobh Ptolomaidh gu robh baile nan Daci ann an seo air an robh Apoulon san leabhar Γεωγραφικὴ Ὑφήγησις. Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach agus b' e Apulum a chanadh ris an àite aig àm Impireachd na Ròimhe. Chaidh am baile a chlàradh ann an 1171 mar Frank episcopus Belleggradienesis agus an uair sin mar Castrum Albens ann an 1206. Cha b' ann ach ann an 16mh Linn a nochd an t-ainm ann an Gearmailtis agus Ungairis. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Alba Iulia nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Chaidh sgìreachd-easbaig na h-Eaglaise Chaitligiche ann an Transsilvania a stèidheachadh an seo anns na meadhan aoisean. B' e Alba Iulia a bh' ann prìomh-bhaile Phrionnsalachd Transsilvania bho 1570 gu ruige 1692.[4] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd làidir air a stèidheachadh an seo anns an 18mh Linn, agus thog iad sionagog ann an 1840. Thug feachdan Ion Antonescu an deachdaire sgrios agus milleadh orra tron Uile-losgadh.[5] Bha mòran Ghearmailteach ann ach dh'fhalbh iad uile gu lèir an dèidh An Dàrna Cogaidh agus, gu seachd-àraidh, fhad's a bha Nicolae Ceauşescu os cionn na dùthcha.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Löb Carlburg (1776 - 1835)
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Aeghio
- Alcalá de Henares
- Alessandra
- Arnsberg
- Biograd na Moru
- Chişinău
- Düzce
- Lanzhou
- Nof HaGalil
- San Benedetto del Tronto
- Silven
- Székesfehérvár
- Varese
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köln/Weimar/Vienna, 2003.
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
- ↑ YIVO