Caol Loch Aillse
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Comhairle na Gàidhealtachd |
Roinn-tìde | UTC±00:00, UTC+01:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Rois |
Domhan-leud is -fhad | 57°16′54″N 5°42′48″W |
Cód a’ phuist | IV40 |
Làrach-lìn | http://www.lochalsh.com |
Comharran-cléithe SO | NG765275 |
Tha Caol Loch Aillse suidhichte ann an sgìre Loch Aillse, ann an Siorrachd Rois, air cladach Caol Acain an seòlaid eadar an tìr-mòr agus An t-Eilean Sgitheanach, gu dearbh chan ann an "Caol Loch Aillse" ach ainm eile airson Caol Acain. Tha baile air gach taobh a' chaoil, agus tha am baile air an Eilean air togail an t-ainm "Caol Acain". Cha mhòr nach do chruthaich Rathad-iarainn na Gaidhealtachd an t-ainm "Caol Loch Aillse" nuair a bhuail iad an t-ainm sin air an ceann-phort (steisean) a thog iad aig a' Chaoil an lùib fadachadh an rathad-iarainn tro Loch Aillse bho Port an t-Sròim chun a' Chaoil rè na 1890an. Anns an latha an-diugh, tha Drochaid an Eilein na leum bho Phloc a' Chaoil, leth-eilean chreagach a laigheas dhan a thuath bhon Phort.
Eachdraidh a' Bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Is e Port Rathad-iarainn a bha an Caol Loch Aillse bho thùs, a chaidh a chruthaicheadh rè na 1890an le Companaidh Rathad-Iarainn na Gàidhealtachd. Thog an rathad-iarainn port-stiomair, stèidhichte air laimrig rathad-iarainn aig an àite, còmhla le earrann ùr de rathad-iarainn bho Port na Sroine. Fhosgaileadh na goireasan uile an seo an 1897. Chaidh na bàtaichean-aiseag airson Steòrnabhagh a Caoil Loch Aillse bho 1897 gu 1974, nuair a thòisich na bàtaichean carbaid a ruith bhon laimrig ùr aig Ulapul.