Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Carbon dà-ogsaid

O Uicipeid
Carbon dà-ogsaid mar theann-stuth

'S e co-thàthadh ceimigeach dèanta bho dà atam ogsaidean agus aon atam gualain a tha ann an carbon dà-ogsaid (foirmle ceimigeach CO2) .

Gheibhear carbon dà-ogsaid gu nàdarrach mar ghas anns an àile, aig co-chruinneachdh de 400 pairtean sa mhillean (0.04%).

Bithidh lusan, algae, agus saidhean-bhitheagan a' cleachdadh foto-cho-chur a dh' iompachadh carbon dà-ogsaid agus uisge, comhla ri lùths solais, gu carbohaidreatan agus ogsaidean. Cuideachd, bithidh caochladh pròiseasean nàdarrach is daonna a' dèanamh carbon dà-ogsaid, a' gabhail a-staigh losgadh guail is carbohaidreatan, brachadh siùcaran, bruchdaidhean beanntan-theine is giosaran, agus analachadh ainmhidhean.

Ged a tha carbon dà-ogsaid cudromach do bheatha, tha a cho-chruinneachadh san àile air a bhith ag àrdachadh o chionn an Tionndadh Gnìomhachais, ag aobharachadh nise blàthachadh na cruinne.

Chaidh feartan carbon dà-ogsaid a rannsachadh leis an fhear-saidheans Albannach Joseph Black sna 1750an. Lorg e a-mach gun dèanar carbon dà-ogsaid bho analachadh ainmhidhean agus brachadh meanbhagach.