Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Carol Monaghan

O Uicipeid
Carol Monaghan
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Glaschu an Iar-Thuath
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Glaschu an Iar-Thuath
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Glaschu an Iar-Thuath
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
Beatha
Breith Glaschu, 2 dhen Lùnastal 1972
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Shrath Chluaidh
St. Thomas Aquinas Secondary School, Glasgow (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Carol Monaghan.

Rugadh agus thogadh i ann an Glaschu agus dh'ionnsaich i fiosaig aig Oilthigh Shrath Chluaidh. Chaidh i na tidsear agus dh'obraich i mar òraidiche dà bhliadhna aig Oilthigh Ghlaschu.[1]

Chaidh a thaghadh mar bhall Taigh nan Cumantan airson an SNP ann an 2015, 2017 agus 2019 agus riochdaich i Glaschu an Iar-thuath. Bha i na ball Comataidh Taghte air Saidheans, Ùr-ghnàthachadh agus Teicneòlas aon turas anns gach pàrlamaid agus bha i na neach-labhairt an SNP air foghlam eadar 2017 agus 2024 agus air saidheans, ùr-ghnàthachadh agus teicneòlas eadar am Màrt 2023 agus a' Chèitean 2024.[2]

Tha i na tagraiche airson Glaschu an Iar anns an taghadh coitcheann 2024.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Carol Monaghan”. Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Ògmhios 2024.
  2. Parliamentary career for Carol Monaghan - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 22mh dhen Ògmhios 2024.
  3. Glasgow West Constituency candidates - General Election 2024”. Air a thogail 22mh dhen Ògmhios 2024.