Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Cluj-Napoca

O Uicipeid
Cluj-Napoca
Kolozsvár
Klausenburg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Cluj
Co-chomharran 46° 21 34' Tuath
25° 48 06' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 179.5 km²
Àireamh-shluaigh 324,576 (2015)
Dlùths 1,808.22/km²
Àireamh fòn +40 02 64
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Oradea agus Târgu Mureș, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Cluj-Napoca (IPA: ˈkluʒ naˈpoka, Ungairis: Kolozsvár, IPA: ˈkoloʒvaːr, Gearmailtis: Klausenburg). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Someșul Mic, aig 340m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Cluj. Tha 324.576 duine a' fuireach ann.[1]

'S ann às an fhacal clusa (Gàidhlig: mòr-chlais) ann an Laideann 's a tha ainm a' bhaile.[2] Chanadh Napoca ris aig àm Impireachd na Ròimhe o chionn's gu robh treubh Daci air an robh na Napaei nan tàmh san sgìre. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1213 mar Clus. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Cluj-Napoca nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Buinneadh Cluj-Napoca dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699 a bh' ann.[4] B' e prìomh-bhaile na Groß Fürstentum Siebenbürgen bho 1790 gu 1848 agus an uaire sin bho 1861 gu 1867 cuideachd. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Chruthaich A' Ghearmailt Nàsach Ghetto Iùdhach an an Cluj-Napoca mar phàirt an Uile-losgaidh. Shaoraich feachdan Romàinia agus An t-Aonadh Sobhiatach am baile air 11 an Dàmhair 1944.

Àireamh-shluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

À rèir Cunntas-shluaigh 2015 tha mòr-chuid Romàinianaich (81.5%) agus mion-chuid Ungairianaich (16.4%) a' fuireach ann an Cluj-Napoca.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köhln/Weimar/Vienna, 2003.
  4. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.