Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Contra-danns Albannach

O Uicipeid
Contra Dannsa Albanaich

Is e a tha ann an contra-danns modh dannsaidh stèidhichte air "seata fada" 's a bhitheas sreath nam fir a' dannsadh an aghaidh (Laideann: contra) ri sreath na mnà. Taobh a-steach am pàtran seo, dannsaidh "cupalan" le chèile agus bithidh gach cupal (fear is boireann)a dannsadh ri na cupalaibh eile a tha a' gabhail pàirt 's an seata. Bithidh gach dannsa fa-leth dèanta a gluasadan sònraichte. Anns a' chuid bu mhòr de na dannsaichean, is e an cupal aig ceann na seata a dhannsas "turas" le na dannsairean eile mus a bith iad a' ruigsinn bun na seata agus tòiseachaidh an dannsa a-rithis le cupal ur gan treòrachadh. Thèid roinneadh eadar na dannsaichean a rèir an seòrsa ciùil as freagarrach dhaibh: Port Singilte (6/8), Ruidhil (4/4) agus Srath Spè (4/4).

Cruth seata

[deasaich | deasaich an tùs]

Aig toiseach gach dannsa seasaidh na cupalan nan loidhneachan shìos an talla, Is e "ceann" an seata an ceann as fhaisg air a' chòmhlan-ciùil, agus a choimhead a nuas (bhon chòmhlan-chiùil) bithidh na fir nan loidhne air an taobh deas agus na caileagan nan loidhne air an taobh clì. Gach dannsair a chuir aghaidh ris a chèile/a cèile agus (ma bhitheas an talla mòr gu leòr ri uimhir nan dannsairean) astar mu deidhinn 2 metre eadar na boireann agus na daoine. Cleachdaidh an cuid bu mhòr de na dannsaichean "Albannach" 4 cupal ris an seata, ged nach bi ach triùir cupal nan dannsadh aig uair sam bith. Mar sin bithidh a' chiad cupal a' dannsadh turas leis an 2na agus an 3s cupal, a' crìochnachadh 's an 2na ionad. Dannsaidh iad turas eile ( dara thuras) mus am bithidh iad nan "sleimhinn" ri bun na seata. Mur eil daoine gu leòr ann a dhèanamh seataichean slàn, uaireannan bith seata ghoirid dèanta a trì cupal gach dannsair na dannsadh fad an t-siubhail. Anns an Dùn Deagh agus Machair Aonghais thèid cleachdadh air "seata nan seachd cupal" airson a h-aon adhbhar.

Bithidh gach dannsa fa-leth dèanta a "gluasadan" 8 ceum ri gach gluasad, ceum ri gach "slat" ciùil. Mar eisimpleir: Ruidhle(8 ceum ), cearcall (4ceum dhan deas, 4 ceuman air ais), Poussette (2 chupal a’ dannsadh seachad air a chèile an 8 cheum ri gabhail ionad a chèile). Reul (4 duine a’ dannsadh mun chuairt agus na làmhan deas an greim (4 ceuman) agus air ais, le na làmhan clì (4 ceuman)).

Spòrs nàiseanta

[deasaich | deasaich an tùs]

Faodaidh gu bheil ball-coise spòrs nàiseanta na h-Albainn ach chan eil contra-danns' fada ga chùlaibh, agus air feadh Alba cha mhòr nach eil talla-bhaile as aonais "clas" a chruinnicheas oidhche 's a seachdain a dhèanamh (neo ionnsachadh) dannsaichean 's a mhodh. Bithidh gach clas ionadail a' cumail dannsa 2 neo 3 turus 's a bhliadhna. Mar is tric aig na tachartasan seo, bithidh 18 dannsaichean eadar dhealaichte air a' phrògram agus bithidh 2 bhreic- 1d airson strùpag 'us ceapairean agus 2na airson roiteag is sile. Is e prìomh riaghailt nach danns thu leis a h-aon partner ach triop neo dha air feadh an oidhche, dara riaghailt nach diùlt thu danns' mur eil cuideigin eil air iarraidh an danns 'ud leat nas tràithe agus an treas riaghailt - ma thuiteas tu nach laighe thu air an ùrlar ach feumaidh tu èirigh cum ort ri deireadh na danns.

Ceangal a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]