Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Cubhait (baile)

O Uicipeid
مدينة الكويت
Cubhait
Suidheachadh
Dùthaich Cubhait
Ceàrn Al Asimah
Co-chomharran 29° 22’ 11” Tuath
47° 58’ 42” Ear[1]
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 32,500 (2005)

'S e prìomh-bhaile Chubhait a tha ann am Kuwait City, (Baile Chubhait, Arabais: مدينة الكويت, Madīnat al-Kūwait). Anns a’ bhliadhna 2005 bha 32,500 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, ach bha 2.38 millean duine a’ fuireach ann an àrd-bhaile Chubhait. Tha am baile suidhichte air a’ Chamas Pheirseanach ann am meadhan na dùthcha. Tha pàrlamaid Chubhait, ris an canar Majlis Al-Umma, suidhichte an seo. Cuideachd tha mòran oifisean riaghaltach, mòran bhancaichean agus ionadan malairteach ann. Mar sin dheth 's e teas meadhan poileataigeach 's ionmhasail na dùthcha a th’ ann am baile Chubhait.

Tha port-adhair eadar-nàiseanta aige cuideachd, an Kuwait International Airport. Tha port-mara Shuwaikh agus port-mara Al Ahmadi mu 50 cilemeatair air falbh, deas air baile Chubhait.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. earth-info


Faidhle:2005-04-27 Koweït 003.jpg
Pàrlamaid Chubhait: Majlis Al-Umma (مجلس الأمة, "The Council of the Nation")