Diùcachd Sagsainn-Altenburg
Coltas
Diùcachd Shachsen-Altenburg Herzogtum Sachsen-Altenburg | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1603 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Altenburg | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 1,323 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 207,000 (1905) | |||||||
Dlùths | 156.46/km2 |
B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe (gu ruige 1806) anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Diùcachd Shachsen-Altenburg (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Altenburg).[1] Bha an stàit ann airson a' chiad turais bho 1603 gu ruige 1672 agus an uair sin bho 1826, an dèidh bhriseadh Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg, gu ruige Ar-a-mach na Gearmailt ann an 1918.[2] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918) gus a chaidh a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920.[3] B’ e Altenburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b'e an Teaghlach Uasal Wettin os a chionn.
Ceannardan na Stàite
[deasaich | deasaich an tùs]- Frederick (1826 – 1834)
- Joseph (1834 – 1848)
- Georg (1848 – 1853)
- Ernst I (1853 – 1908)
- Ernst II (1908 – 1918)
Bailtean Eile
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Johann B. Homann: Die Herzogtümer Gotha, Coburg und Altenburg 1729, Historische Karte: Tabula Geographica Principatus Gotha, Coburg, Altenburg, Verlag Rockstuhl, Bad Langensalza, Reprint 1757/1999, ISBN 3-929000-78-4
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Novemberrevolution