Friedrich Wöhler
B' e ceimigear às a' Ghearmailt a bha ann am Friedrich Wöhler. (Frankfurt, 31 an t-Iuchar 1800 - ibidem, 23 an t-Sultain 1882). Tha e ainmeil airson a' cho-chuir de dh'urea aige,[1] de chalcium carbaid agus a' cinneasachaidh de bheirilium, dh'itrium[2] agus de shileacon criostalach.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'ionnsaich e leigheas sna oilthighean ann am Marburg agus Heidelberg, mar sin rannsaich e ceimigeachd còmhla ri Leopold Gmelin ann an Oilthigh Bherlin agus sgrìobh e an tràchdas aige an sin. Dh'obair e còmhla ri Jöns Jacob Berzelius ann an Stockholm. Ann an 1836 chaidh e na ollamh ann an Oilthigh Ghöttingen far an do mhair e gu ruige a bhàs. Leasaich e a' theòiridh nam freumhan còmhla ri Justus von Liebig. Bha seo na bhun do dh'ainmeachadh ann an ceimigeachd agus teòiridh iom-obrachaidhean ionadachaidh.[1]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bha e na shaoranach urramach de Ghöttingen. Dh'ainmicheadh cruinn-shloc air a' Ghealaich agus clach-mhèinnear, wöhlerid, air.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 “Wöhler, Friedrich (1800-1882) -- from Eric Weisstein's World of Scientific Biography”. Wolfram Research. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ Dinér, Peter (2016): “Yttrium from Ytterby,” ann an: Nature Chemistry, leabhar 8, td. 192. doi:10.1038/nchem.2442.