Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

George Washington

O Uicipeid
George Washington
member of the Virginia House of Delegates (en) Translate


member of the Virginia House of Burgesses (en) Translate

1758 - 1776
Seanalair Òrdachadh Arm nan Stàitean Aonaichte

15 dhen Ògmhios 1775 - 23 dhen Dùbhlachd 1788
cathraiche

19 dhen Ògmhios 1783 - 14 dhen Dùbhlachd 1799 - Alexander Hamilton (mul) Translate
Delegate to the United States Constitutional Convention (en) Translate

25 dhen Chèitean 1787 - 17 dhen t-Sultain 1787
Sgìre: Virginia
1. Ceann-suidhe taghte nan Stàitean Aonaichte

dhen Fhaoilleach 1789 - 30 dhen Ghiblean 1789
← no value - John Adams
Taghadh: taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, 1788-1789
1. Cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte

30 dhen Ghiblean 1789 - 4 dhen Mhàrt 1797
Office established (en) Translate - John Adams
Taghadh: taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, 1788-1789, taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, 1792
Seanalair Òrdachadh Arm nan Stàitean Aonaichte

13 dhen Iuchar 1798 - 14 dhen Dùbhlachd 1799
James Wilkinson (mul) Translate - Alexander Hamilton (mul) Translate
Beatha
Breith Westmoreland County (en) Translate, 22 dhen Ghearran 1732
Dùthaich Rìoghachd na Breatainne Mòire  (22 dhen Ghearran 1732 -  4 dhen Iuchar 1776)
 Na Stàitean Aonaichte  (4 dhen Iuchar 1776 -
Àite-fuirich Philadelphia
Westmoreland County (en) Translate
Eabhraig Nuadh
Mount Vernon (en) Translate
Ciad chànan Beurla
Bàs Mount Vernon (en) Translate, 14 dhen Dùbhlachd 1799
Àite-adhlacaidh Washington's Tomb (en) Translate
Mount Vernon (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (ainteas èiginneach na guthlaige)
Teaghlach
Athair Augustine Washington
Màthair Mary Ball Washington
Cèile Martha Washington (mul) Translate  (6 dhen Fhaoilleach 1759 -  14 dhen Dùbhlachd 1799)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Fine Washington family (en) Translate
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, tuathanach, cairt-iùiliche, geometer (en) Translate, einnseanair, stàitire, rèabhlaideach, sgrìobhadair agus army officer (en) Translate
Àirde 74 inch
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Saor-chlachaireachd
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Société d'agriculture de Paris (en) Translate
Society of the Cincinnati (en) Translate
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm an Tìr-mhòir
Arm nan Stàitean Aonaichte
Ìre major general (en) Translate
lieutenant general (en) Translate
Seanalair Airm nan Stàitean Aonaichte
còirneal
Strì Rèabhlaid Ameireaganach
Iomairt Philadelphia
Cogadh nam Frangach is nan Innseanach
Iomairt Boston
Blàr Fort Necessity
Iomairt New York is New Jersey
Cogadh nan Innseanach san Iar-thuath
Triall Braddock
Blàr nam Monongahela
Blàr Ghleann Jumonville
Iomairt Yorktown
Creideamh
Creideamh Eaglais Easbaigeach nan Stàitean Aonaichte
Saor-chlachaireachd
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Feadaralach
Airson aistean eile, faic Washington.

Bha George Washington air leth cudthromach ann an tràth-eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. Bha e na cheannard cudthromach os cionn feachdan Aimeireaganach ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna (1754-1763) an aghaidh nam feachdan Frangach ann an Ameireaga.

Aig àm an Ar-a-mach Ameireaganach‎ (1775-1783), bha George Washington na Sheanailear os cionn nam feachdan Ameireaganach an aghaidh nam feachdan Breatannach.

Bu esan ciad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte (1789-1797).

Rugadh George Washington air 22 an Gearran, 1732 air fearainn a theaghlaich ann an Westmoreland County, Virginia. Ann an 1748, bha e mar-thà na fhear-thomhais talmhainn agus ann an 1749 fhuair e dreuchd mar fhear-thomhais talmhainn ann an sgìre a bh’ air ùr-chruthachadh, Culpeper County. Bha e mar dhleastanas dhà cuideachd a bhith a’ stiùireadh trèanadh a’ mhailisidh ionadail.

Dealbh de Sheòras Washington na dheise-airm.

Cogadh nan Seachd Bliadhna (no “Cogadh nam Frangach ’s nan Innseanach Ruadh”)

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1753, thòisich an Fhraing air sreath de dhùin a thogail sa sgìre Ohio a bha na laighe mun iar, air taobh thall nam Beanntan Appalaiseanach. B’ e an rùn aca an ceangal eadar Louisiana ’s Canada a dhaingneachadh. Ach bha tagraidhean aig na tìrean-imrich Breatannaich, Virginia agus Pennsylvania, air na dearbh sgìrean. Chaidh George Washington a chur a dh’ionnsaigh nam Frangach ann an sgìre Ohio airson faicinn dè cho làidir sa bha iad, agus gus iarraidh orra an sgìre-sa fhàgail cuideachd. Dhiùlt na Frangaich sin a dhèanamh agus an ath bhliadhna, chaidh Washington a chur air ais dhan sgìre Ohio ach an turas seo os cionn Reiseamaid Virginia a bh’ air ùr-chruthachadh airson ruaig a chuir air na Frangaich. Bhuannaich e ann an còmhraig ri buidhinn bheag de 30 Frangaich air 28 an Chèitean, 1754. An uair sin, thog iad dùn car lag ris an tuirt iad Fort Necessity. An ceann greis, chaidh an cuairteachadh le feachd Fhrangach ’s b’ fheudar do Washington gèilleadh dhaibh. Leig na Frangaich mu sgaoil e, ach an ath bhliadhna bha Washington air ais le feachd a bha fo stiùir a’ Sheanaileir Edward Braddock. Thachair iad ri na Frangaich aig blàr Monongahela; chaidh na Frangaich a ruagadh ach chaidh Braddock fhèin a mharbhadh. A dh’aindeoin sin ge-tà, fhuair Washington deagh chliù; chaidh dà each a mharbhadh fodha ’s chaidh ceithir peilearan tron chòta aige.

As t-fhoghar, chaidh Washington a shuidheachadh os cionn feachdan Virginia air fad, agus bha e a-nis mar dhleastanas dhà còrr is 300 mìltean (480 km) de chrìochan a dhìon. Mhair e san dreuchd seo gu 1758. Bu mhiann leis a bhith na oifigear san arm Bhreatannach, ach cha robh na Breatannaich a’ cur mòran suim anns na h-Ameireaganaich agus dhiùlt iad oifigeach a dhèanamh dheth; dh’fhàg e a dhreuchd, thill e dhan tuathanas aige fhèin agus chaidh e an sàs ann am poileataigs.

Eadar na Cogaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Air 6 am Faoilleach, 1759, phòs Washington a’ bhanntrach Martha Dandridge Custis, agus dh’fhuirich iad còmhla aig Mount Vernon. Thog iad an dithis mhac a bh’ aicese mar-thà. Cha robh clann aca riamh còmhla.

Le bhith a’ pòsadh banntrach bheairteach, dh’fhàs oighreachd Washington gu mòr. Fhuair e an treas chuid de na 73km2 a bha ann an sealbh Martha Custis, agus bha e a’ coimhead às dèidh an cuid fearainn às leth clann a mhnà. A bharrachd air a sin, bhiodh e a’ ceannach tuilleadh fearainn dha fhèin agus choisinn e fearann a bharrachd ann an West Virginia air sgàth a sheirbhis sa chogadh. Bha spèis mhòr aig muinntir Virginia dhà agus bha e na dhuine-uasal beairteach. Chaidh a thaghadh airson Pàrlamaid Virginia ann an 1758.

Bha Washington gu mòr an sàs san iomairt an aghaidh na Breatainne. Mar eiseimpleir, ann an 1769 mhol e do Phàrlamaid Virginia casg-malairt a chur air dòigh an aghaidh na Breatainne gus an rachadh cur às dha na Laghan Townsend. San Iuchair, 1774, bha e na chathraiche dhen choinneamh a mhol gum bu chòir Continental Congress (neo Coinneamh nan Tìrean-Imrich) a chruthachadh. Chaidh Washington a thaghadh mar bhall de Chiad Choinneamh nan Tìrean-Imrich (First Continental Congress).

An t-Ar-a-mach Ameireaganach

[deasaich | deasaich an tùs]
Mar na “athraichean” eile aig na SA, bha tràillean dubha aig Washington. San dealbh seo, tha e gan stiùireadh air tuathanas tombaca

Nuair a thòisich sabaid eadar feachdan Massachusetts agus an fheadhainn Bhreatannaich sa Ghiblean 1775, nochd Washington aig Dàrna Coinneamh nan Tìrean-Imrich (Second Continental Congress) sgeadaichte ann an deise cogaidh ag innse gu robh e deiseil airson cogadh. Gu dearbh, b’ esan am fear-Ameireaganach a b’ ainmeile a bha eòlach anns na dòighean cogaidh. Chruthaich an Coinneamh an t-Arm Tirmòrach (Continental Army), a chuir cruinn-còmhla san aon arm feachdan nan 13 tìrean-imrich a bha an uairsin a’ strì an aghaidh na Breatainne. Agus chaidh Washington a thaghadh mar Sheanalair os cionn an airm. Chaidh e a Bhoston far an do ghabh e smachd os cionn nam feachdan Ameireaganach a bha a’ cuartachadh nam Breatannach a bha glaicte am broinn a’ bhaile sin. Mhair an suidheachadh seo gus a’ Mhàirt, 1776 nuair a dh’fhàg na Breatannaich Boston. A-nise ghluais Washington arm a dh’ionnsaigh a’ bhaile New York. Bha na Tìrean-Imrich uile-gu-lèir, cha mhòr, a-nise fo smachd nan reubaltach agus san Iuchair, thaisbean iad gu robh iad a-nis neo-eisimeileach on Bhreatainn.

Ach thill na Breatannaich san Lùnastal, 1776 a Long Island far an robh Washington agus arm. Thòisich an uairsin sreath de bhatailean sgriosail agus chaidh ruaig a chuir air Washington agus na h-Ameireaganaich gu dubh. B’ fheudar do Washington Long Island, agus an uairsin New York fhèin agus an uairsin New Jersey fhàgail an sreath a chèile. De na 20,000 saighdear a bh’ aig Washington an Lùnastal cha robh air fhàgail dha ach mu 3,000 nuair a ràinig e taobh sàbhailt na h-aibhne Delaware ann am Pennsylvania an t-seachdain ron Nollaig, 1776. Rud a bu mhiosa na sin, bhiodh a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan seachad leis an arm aig deireadh na bliadhna. Bha a h-uile coltas ann gu robh an ar-a-mach seachad.

Ach a dh’aindeoin cho dona sa bha cùisean, chunnaic Washington cothrom nuair a bha cha mhòr a h-uile duine eile a’ dol dhachaigh. Air taobh thall na h-aibhne ann an New Jersey, bha feachd de Hesianaich ann a bha a’ gabhail fasgadh ann am baile Trenton. Oidhche ron Nollaig, 1776, oidhche a bha stoirmeil reòite, chruinnich Washington na corra feachdan a bh’ air fhàgail aige, agus a’ cleachdadh bhàtaichean a bha e air tional chaidh e thar na h-aibhne agus ann an glasadh madainn na Nollaig, thug na h-Ameireaganaich ionnsaigh air na Hesianaich a bha fhathast cadalach agus fo bhuaidh na dibhe. Chuir na h-Ameireaganaich air na Hesianaich gu dubh. Chaidh 21 Hesianaich am marbhadh ’s chaidh 90 an leòn ’s chaidh 900 an glacadh mar phrìosanaich. Cha do dh’fhulang na h-Ameireaganaich ach 4 a chaidh an leòn.

B’ e sin, ’s dòcha, a’ bhuaidh a bu chudromaiche a bhuanaich Washington a-riamh, oir ro a’ bhuaidh, bha an ar-a-mach caillte agus às dèidh na buaidh, bha e fhathast beò. A dh’aindeoin cho cudthromach sa bha buaidh Washington, leann na duilgheadasan aige san ath-bhliadhna ann an 1777. Aig an dearbh àm ’s a bha Feachd Bhreatanach a’ tighinn a-nuas bho Mhontreal a’ leantainn na h-aibhne Hudson, nochd feachd eile à New York ’s chuir i ruaig air Washington 's fhuair i greim air a’ phrìomh bhaile aig an àm, Philadelphia. B’ fheudar dhan Chòmhdhail teicheadh, ’s theab Washington a dhreuchd a chall. Ach chaill na feachdan Breatannach à Canada gu dubh agus dh’aontaich an Fhraing taic a thoirt do na h-Ameireaganaich.

Air sgàth sin, chur na Breatannaich romhainn, an ath-bhliadhna, ann an 1778, Philadelphia fhàgail ’s tilleadh a New York ’s dh’fheuch Washington ionnsaigh a thoirt dhaibh air an t-slighe. B’e seo Blàr Monmouth Courthouse, aonan den dà chath am blàr fosgailte nach do chaill Washington. B' e seo am batail mu dheireadh ann an ceann a tuath nan Stàitean Aontaichte. Lean an cogadh air sa cheann a deas gun an do chaill na Breatannaich gu dubh aig Yorktown ann an Virginia san t-Sultain ann an 1781 agus ’s e Washington a a ghabh gèilleadh nam Breatannach.

Ged a chaill Washington mòran chathan, an rud a bu chudtromaiche a rinn e ’s gun do lean e air co-dhiù tro gach càs agus cruadal. Agus a dh’aindeoin cho duilich sa bha cùisean aig amannan, cha do thrèig Washington feallsanachd an ar-a-mach. Nuair a bhuanaich na h-Ameireagaich an neo-eisimeileachd ann an 1783, an àite greim a ghabhail air smachd mar a bha cothrom aige, sgap e arm ’s dh’fhàg a dhreuchd ’s thill e dhachaidh.

Beatha Phrìobhaideach ’s Duilgheadasan na Dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar sin agus a sheirbhis dhan dùthaich aige seachad, thill e dhan bheatha phrìobhaideach aige mar thuathanach. Ach cha robh na duilgheadasan buileach seachad anns na Stàitean Aonaichte. Bho 1777, bha na Stàitean Aonaichte air an riaghladh leis a’ Chòmhdhail fo bhun-reachd ris an canar Articles of Confederation. Bha laigseachan gu leòr ann aig àm a’ chogaidh ach leis an neo-eisimeileachd air a buanachadh, thàinig na laigseachan gu mòr am follais. Mar eisimpleir, cha robh còir aig a’ Chòmhdhail cìsean a thogail ’s b’ fheudar dhi airgead iarraidh air na stàitean, agus mar bu thrice, dhiùlt na stàitean sin a dhèanamh. Ach a dh’aindeoin nan duilgheadasan cha robh aontachadh ann am measg nan stàitean air cò am fuasgladh a b’ fheàrr. Ann an 1787, chaidh co-labhairt a ghairm a chruinnich ann am Philadelphia agus iarradh air Washington bhith na fhear-cathrach aig a’ cho-labhairt. Fo a stiùir, chaidh bun-reachd a sgrìobhadh agus ’s ann a-rèir a' bhun-reachd-sa a tha na Stàitean Aonaichte air a bhith gan riaghladh gus an latha an-diugh.

A’ Chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte

[deasaich | deasaich an tùs]
Washington air Beinn Rushmore
Washington air Beinn Rushmore

Chaidh Washington a thaghadh na chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte fon bhun-reachd ùr. Rinn e seirbhis dhà thuras mar cheann-suidhe fad ochd bliadhna gu lèir. Is Washington an aon cheann-suidhe a chaidh a thaghadh gun duine eile a bhith a’ ruith na aghaidh. A bharrachd air a sin, thòisich Washington cleachdadh cudromach a tha a-nis stèidhte ann an lagh. Dhiùlt e seasamh an treas turas gu bhith na cheann-suidhe. ’S e Franklin D. Roosevelt, a chaidh a thaghadh ceithir tursan mar cheann-suidhe, an aon cheann-suidhe nach do lean an cleachdadh seo.

Fo a stiùir mar cheann-suidhe ann an 1794, cho-rèitich na Stàitean Aontaichte agus a’ Bhreatainn Cunnradh Jay, cunnradh cudromach a sheachnaich cogadh eile eadar an dà dhùthaich agus thòisich àm sìthe agus malairt eadarra a mhair còrr is deich bliadhna.

Ann an 1794, chaidh Washington a-mach os cionn an airm as ùr ann am Pennsylvania airson aimhreit a chuir sìos. B’ e seo Ar-a-mach an Uisge-beatha (Whiskey Rebellion). Bha daoine a rinn uisge-beatha a’ gearain mu chìsean ùra an Riaghaltais Fheadarail air uisge-beatha. B’ e seo fear den dà thuras a bha ceann-suidhe os cionn feachdan armaichte ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. (B’ e Seumas Madison am fear eile aig àm a’ chogaidh 1812 nuair a theich esan ’s na feachdan aige ro fheachdan Breatannach nuair a thog iad creach air a’ phrìomh bhaile Washington, D.C.

Fad ’s a bha e na cheann-suidhe, thàinig trì stàitean ùra a-steach do na Stàitean Aonaichte agus b’ iad Vermont, 4 an Cèitean 1791, Kentucky, 1 an t-Òg-mhios 1792, agus Tennessee, 1 an t-Òg-mhios 1796.

Dh’fhàg Washington a dhreuchd mar cheann-suidhe air 4 am Màrt 1797. Thill e d’ a fhearann ann an Mount Vernon ach cha d’ fhuair e a’ bheatha phrìobhaideach a bha e ag iarraidh oir chaidh a ainmeachadh mar Seanalair Lieutanant (ìre as àirde san arm aig an àm sin) airson rabhadh a thoirt do na Frangaich a bha a’ moidheach cogadh aig an àm.

Fhuair Washington bàs air 14 an Dùbhlachd 1799.

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: