Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Greifswald

O Uicipeid
Greifswald (Griepswoold)
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Vorpommern-Greifswald
Sgìre Mecklenburg-Vorpommern
Co-chomharran 54° 6' Tuath
23° 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 50.5 km²
Àireamh-shluaigh 56,445 (2013)
Dlùths 1,117.72/km²
Àireamh fòn 03834
Duilleag oifigeil http://www.greifswald.de/

‘S e baile meadhanach air an àirde an ear-thuath na Gearmailte a th’ ann an Greifswald (IPA: ɡʁaɪfsvalt, Plattdüütsch: Griepswoold). 'S ann à Greif (grìbhean) agus wald (coille) a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 7m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Ryck, faisg air na h-eileanan Usedom agus Rügen agus ri beulaibh na Baltach, anns an stàit Mecklenburg-Vorpommern, 110km air falbh bho Rostock, 225km bho Bherlin agus 264km bho Hamburg.[1] ‘S ann leis an sgìre Landkreis Vorpommern-Greifswald a tha am baile agus, le 56,445 duine a' fuireach ann, ‘s e an còigeamh baile as motha na roinne[2] a th'ann.

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1199nuair a stèidhich manaich às An Danmhairg manachainn agus chaidh Oilthigh Ghreifswald a thogail ann an 1456, an dàrna fear as aosda ann an ceann a tuath na Roinn Eòrpa. Bhuineadh am baile dhan lìg mhalairt Hansa fad na meadhan aoisean. Eadar 1631 agus 1815, bha am baile, agus Pomerania air fad, fo bhuaidh na Suaine. An uair sin, chaidh Roinn Phruisianach Phomerania a stèidheachadh, le Greifswald na broinne gu ruige 1945.[3]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte[4]

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Brinkhoff, Thomas: “Mecklenburg-Vorpommern / Mecklenburg-Western Pomerania (Germany): State & Major Cities - Population Statistics, Maps, Charts, Weather and Web Information”. City Population. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  3. City History”. Baile Ghreifswald. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  4. Städtepartnerschaften und Internationale Kontakte(Gearmailtis). Baile Ghreifswald. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]