John Bauer
John Bauer | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Parraiste Kristina agus Jönköping, 4 dhen Ògmhios 1882 |
Dùthaich | An t-Suain |
Bàs | Vättern (en) agus Sankt Matteus (en) , 20 dhen t-Samhain 1918 |
Àite-adhlacaidh | Eastern Cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | accidental death (en) (shipwrecking (en) ) |
Teaghlach | |
Athair | Joseph Bauer |
Màthair | Emma Charlotta Bauer |
Cèile | Ester Ellqvist (en) (18 dhen Dùbhlachd 1906 - 20 dhen t-Samhain 1918) |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Suainis |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair agus dealbhadair |
Obraichean comharraichte | The Princess and the Trolls (en) |
Buaidh | Albert Engström (en) agus Arthur Rackham (mul) |
B' e peantair ainmeil às An t-Suain a bh' ann an John Albert Bauer (Jönköping, 4 an t-Ògmhios 1882 - Vättern, 20 an t-Samhain 1918).[1] B’ ann à Bayern shìos sa Ghearmailt a bh’ ann athair, a ràinig An t-Suain nuair a bha e gu math bochd is cha robh fiù ’s sgillinn ruadh aige. A dh’aindeoin sin, dh’fhosgail e bùth.[2] Chuir Bauer seachad na bliadhnaichean bho 1900 gu ruige 1903 na oileanach san Kungliga Akademien för de Fria Konsterna: cha d’ fhuair ach triùir a-steach sa bhliadhna sin: Ivar Kamke, Pontus Lanner agus Bauer fhèin, leis cho tàlantach 's a bha iad.[3] Phòs e aig Ester Ellqvist ann an 1906, a bha na neach-ealain cuideachd. Chaidh Bauer a bhàthadh leis an teaghlach aige nuair a chaidh am bàta’aiseig Per Brahe fodha air Loch Vättern ann an 1918.[4]
Gailearaidh
[deasaich | deasaich an tùs]-
Gobhair na Nollaig
-
Seo àite beag nan trobhaichean nach lorgas duine sam bi ach mise
-
Bana-phrionnsa Tuvstarr a' coimhead air uisgeachan domhain lochan na coille
-
Trobhaichean le bana-phrionnsa fo bhrùid
-
Dùisg a Ghróa, dùisg a mhàthar
-
Fèin-dhealbh
-
Freja
-
Oidhche na Nollaig
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Andersson, Mats; Söderlind, David (2011). John Bauers skogar, Jönköping, Concrete. ISBN 978-91-633-8501-8
- ↑ Jönköpings Läns Museum
- ↑ Lindqvist, Gunnar (1979). John Bauer, Stockholm: Liber Förlag. ISBN 91-38-04605-9
- ↑ Olenius, Elsa, ed. (1966). John Bauers sagovärld: en vandring bland tomtar och troll, riddare och prinsessor tillsammans med några av våra främsta sagodiktare, Stockholm: Bonnier. ISBN 91-0-030396-8