Kolín
Kolín
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Kolín | ||||
Sgìre | Středočeský kraj | ||||
Co-chomharran | 50° 02 00' Tuath 15° 12 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 34.97 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 30,995 (2006) | ||||
Dlùths | 886.33/km² | ||||
Àireamh fòn | + 321 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.mukolin.cz/cz/o-meste/ |
'S e baile meadhanach agus sgìreachd (Seacais: obec) ann an cridhe Poblachd nan Seiceach a th' ann an Kolín (IPA: ''koliːn, Gearmailtis: Köln an der Elbe). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais anns an 2 Linn le Ptolomaidh mar Budorgis,[1] ged a tha an t-ainm a' tighinn bhon fhacal kola (Gàidhlig: cuidhle). Bhuineadh am baile dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Chaidh caisteal a thogail an seo ann an 1437.[2] Chuir am peantair Hynek ze Strážnic na bliadhnaichean bho 1475 gu ruige 1488 a' fuireach sa chaisteal. Bha batal an seo ann an 1714 eadar feachdan na h-Ostair agus na Prùise ann an Cogadh nan 7 Bliadhna.[3] Tha Kolín suidhichte eadar Pràg agus Pardubice san roinn (Seacais: kraj) Středočeský, ri taobh na h-Aibhne Elbe (Seacais Labe), aig 220m os cionn ìre na mara. Tha 30,995 duine a' fuireach ann.[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Miloš Zeman: (1944).[5]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ University of Chicago
- ↑ Stredovek
- ↑ Duffy, Christopher. 2013 "By Force of Arms: Vol 2 of The Austrian Army in the Seven Years War", Emperor's Press, ISBN 978-1-883476-30-4
- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ Nasi Politici