Kryvyi Rih
Kryvyi Rih Кривий Ріг
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Dnipropetrovska Oblast | ||||
Sgìre | Kryvorizkiy Raion | ||||
Co-chomharran | 47° 54 00' Tuath 33° 21 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 430 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 624,579 (2019) | ||||
Dlùths | 1,452.51/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 56(4) | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Dnipro agus Mykolaiv san Ucràin a th' ann an Kryvyi Rih (Ucràinis: Кривий Ріг, IPA: krɪˌwɪj ˈr⁽ʲ⁾iɦ). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig inbhir nan Aibhnichean Inhulets agus Saksahan, san roinn Dnipropetrovska Oblast. Tha 624.579 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1775, mar phost malairt. Ann an 1991, thàinig Kryvyi Rih gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kryvyi Rih a' bruidhinn (70.85%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (27.61%).[1] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kryvyi Rih sa chiad leth dhen 20mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[2] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Kryvyi Rih air thuiteam fad na 21mh Linn.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Valentyna Shevchenko (1935 - 2020): Neach-poileataigs.
- Vladimir Malakhov (1968): Dannsair.
- Volodymyr Zelensky (1978): Neach-poileataigs.[3]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ukcensus
- ↑ Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
- ↑ BBC