Pitești
Pitești
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Argeș | ||||
Co-chomharran | 44° 51 24' Tuath 24° 52 39' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 40.73 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 155,383 (2011) | ||||
Dlùths | 3,814.95/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 48 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Craiova agus Târgoviște, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann am Pitești (IPA: piˈteʃtʲ, Gearmailtis: Pitesk). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Argeș, aig 300m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Argeș fhèin. Tha 155,383 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha a h-uile coltas ann gur ann às na h-ainmean pearsanta Pit air neo Pitul agus an iar-leasachan -ești s' a tha ainm a' bhaile.[2] A dh'aindeoin sin, tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann à pită (Gàidhlig: aran) 's a tha e.[3] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Moesia inferior. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais air 20 an Cèitean 1386. eadar 1600 agus 1601 bha feachdan Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia air an gearastanachadh ann am Pitești. Thog Constantin Șerban eaglais a' bhaile an an 1656. Anns An Dùbhlachd 1943 chaidh Daoine Rroma a' bhaile a fhuadachadh gu campaichean-losgaidh ann an Transnistria, mar phàirt an Uile-losgaidh.[4] Thug plèanaichean cogaidh Aimearganach ionnsaigh air a' bhaile air 4 an t-Iuchar 1944: rinneadh droch sgrios agus milleadh air.[5]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Ion Antonescu (1882–1946), Deachdaire Faisisteach agus eucoireach-cogaidh.[6]
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Beit Jala
- Borlänge
- Bydgoszcz
- Caserta
- Chişinău
- Chongqing
- Gyumri
- Huelva
- Kragujevac
- Muntinlupa
- Nafplio
- Ourém
- Springfield
- Sumgait
- Tynaarlo
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Aurelian Sacerdoteanu, Începuturile orașului Pitești, ann an Studii și comunicări”, Pitești, 1971.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Dennis Deletant, Hitler's Forgotten Ally: Ion Antonescu and His Regime, Romania, 1940-1944, Palgrave Macmillan, Lunnainn, 2006, ISBN 1-4039-9341-6.
- ↑ Charles E. Francis, Adolph Caso, The Tuskegee Airmen: The Men Who Changed a Nation, Branden Books, Wellesley, 1997, ISBN 0-8283-2029-2
- ↑ Duțu, A., Dobre, F., Antonescu și generalii români. Un război surd și ciudat, 1999.