Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Saighdear

O Uicipeid
Saighdearan Gearmailteach

‘S e fear neo tè a tha an sàs anns na feachdan armachd neo buidheann eile dhen sheòrsa th' ann saighdear.[1] Tha feadhainn ann a thaghas an dreuchd sin gu saor-thoileach ach tha feadhainn eile a tha nan saighdearan o chionn 's gur e dleastanas nasgach anns an dùthaich aca. Thoir ùghdarrasan na stàite trèanadh agus acfhainn dhuibh airson na dùthcha a dhìon. Sgaraidh na feachdan armachd ann an caochladh bhuidhne, neo rèisimeidean, mar eisimpleir saighdear-coise, saighdear-mara, saighdear-tochlaidh neo saighdear-eachdraidh, etc).[2]

‘S ann às an t-seann fhacal Ghàidhlig saiget[3] (saighead) a thàinig am facal saighdear.‘S ann às an fhacal Laideann solidus (tuarasdal) a tha am facal airson saighdear anns a’ mhòr-chuid dhe na cànanan anns an Roinn Eòrpa: Soldato (Eadailtis agus Esperanto), Soldat (Catalanais, Danmhairgis, Frangais, Gearmailtis, Nirribhis agus Suainis), Soldado[4] (Portagailis agus Spàinntis).

Chan e làmh-chòmhraig a th' ann gach saighdear co-dhiù. Ged a gheibh a h-uile saighdear trèanadh bunaiteach fo armaibh, tha feadhainn ann a nì dreuchdan agus seirbheisean eile am broinn an Airm a bharrachd air a bhith dìreach a’ sabaid, mar eisimpleir gnothaichean clèireachail, solarachd, innleadaireachd, sgrùdadh neo trèanadh.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Faclair na Pàrlamaid
  2. Dwelly-d
  3. Dúil Bélrai
  4. Real Academia de la Lengua