Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Santa Marta (baile)

O Uicipeid
Santa Marta
districts of Colombia, city in Colombia, municipality of Colombia, baile susbainteach
Cur air cois1525 Deasaich
Ainmichte às dèidhMartha Deasaich
Neach bhon àiteSamario Deasaich
Stèidhichte leRodrigo de Bastidas Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaile deMagdalena Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailMagdalena Deasaich
Domhan-leud is -fhad11°14′10″N 74°12′6″W Deasaich
Baile-céileAcapulco, Moyobamba Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.santamarta-magdalena.gov.co/ Deasaich
Patron saintMartha Deasaich
Category for maps or plansCategory:Maps of Santa Marta Deasaich
Map

'S e baile ann an Magdalena, Coloimbia,[1] a th'ann Santa Marta. Tha e suidhichte dìreach air oirthir A' Chairibìan le tràighean òr-bhuidhe air a bheulaibh agus beanntan na Sierra Nevada de Santa Marta air a chùlaibh, 904km air falbh bho Bhogotá.[2] Tha àirde meadhanach dhe 6m os cionn ìre na mara leis gur e port a th’ann, ach tha am beinn leis an canar Pico Colón suidhichte aig 5,775 os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann le teodhachd mu 34˚ thar cheann, rè na bliadhna, ach tha gnàthan-shìde eile shuas air a’ mhòintich. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1525. 'S e Santa Marta an 11mh baile as motha na dùthcha.[3]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Martha,[4] neo Marta ann an Spàinntis. Tha santo/a a' ciallachadh naomh.[5]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 415,272 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 30,148 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santa Marta (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1% agus tha 7.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.6% dhe na daoine ann an Santa Marta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 46.2% dhe na dachannan.[8]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Marta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Simón Bolívar, saoradair Aimearaga a Deas an seo ann an 1830.

Oilthighean

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Catholic Online
  5. Real Diccionario de la Lengua
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Coloimbia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
  10. SisterCities

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: