Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

William F. Buckley Jr.

O Uicipeid
William F. Buckley Jr.
trustee (en) Translate

1966 - 1967
trustee (en) Translate

1971 - 1974
Beatha
Breith Eabhraig Nuadh, 24 dhen t-Samhain 1925
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Àite-fuirich Stamford
Bàs Stamford, 27 dhen Ghearran 2008
Àite-adhlacaidh St. Bernard Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Tinneas an t-siùcair)
Teaghlach
Athair William Frank Buckley, Sr.
Cèile Patricia Buckley (en) Translate  (1950 -  2007)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Yale
Davenport College (en) Translate
Millbrook School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, preasantair telebhisein, nobhailiche, sgrìobhadair agus neach-poileataigs
Fastaichean Central Intelligence Agency (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Edmund Burke (en) Translate, Albert Jay Nock (en) Translate agus John Chamberlain (en) Translate
Ballrachd Comann Mont Pèlerin
Skull and Bones (en) Translate
Sovereign Military Order of Malta (en) Translate
Philadelphia Society (en) Translate
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm nan Stàitean Aonaichte
Ìre first lieutenant (en) Translate
Strì An Dàrna Cogadh
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Conservative Party of New York State (en) Translate
IMDb nm0118702

B’ e sgrìobhadair agus iomradair às na Stàitean Aonaichte a bh’ ann am William Frank Buckley Jr. (Eabhraig Nuadh, 24 an t-Samhain 1925Stamford, 27 an Gearran 2008) a bha a' tarraing a' chuid as motha de na beachdan aige bhon deas-làimh de phoileataigs. Stèidhich e an iris poileataigeach National Review ann an 1955, agus bha e an làthair air 1,429 earrann den phrògram TBh Firing Line bho 1966 gu 1999. A bharrachd air an sin ‘s e naidheachdair a bh’ ann le na sgrìobhaidhean aige air am foillseachadh ann an iomadach pàipear air feadh na Stàitean Aonaichte. Bha e ainmeil airson cho fòghlamaichte, eirmseach agus briathrach ‘sa bha na pìosan a bhiodh e sgrìobhadh.

Bha buaidh mhòr dha-rìreabh aig Buckley air cultar Ameireaga agus thuirt George H. Nash, eachdraiche an gluasad deas-làimhe Ameireaganach, mu dheidhinn:

“dh’fhaodadh duine ràdh gur e an duine innteachail is cudthromach a bh’ anns na Stàitean Aonaichte thairis air an leth-cheud bliadhna chaidh…airson ginealach slàn b’ e prìomh ghuth conservatism Ameireaganach a bh’ ann agus a chiad duine mòr anns a' ghluasad ud.” [1]

‘S e an rud is buadhaiche a rinn Buckley poileataigs an làimh dheis a cheangal ri feallsanachd eaconomach “laissez-faire” bhith gu cruaidh an aghaidh comunnachas, mar sin a' cur sìos nàdar de bhun-stèidh airson an conservatism nuadh a bha aig cridhe oidhirpean Barry Goldwater agus Ronald Reagan an taghadh airson Ceannard nan Stàitean Aonaichte a bhuannachadh.

Sgrìobh Buckley iomadach leabhar. ‘S e am fear as ainmeile aige God and Man at Yale a chaidh a dh'fhoillseachadh ann an 1951. A measg nan leabhraichean eile aige sgrìobh e mu eachdraidh, poileataigs, seòladh-mara, sgilean sgrìobhaidh agus labhairt, agus sreath de leabhraichean rosg mu fhear a bha ag obair airson an CIA. Mar is tric bhiodh Buckley ga chur fhèin air adhart mar Libertarian no consevative. Bhiodh e a' fuireach ann am baile New York agus Stamford, Connecticut. Caitligeach a bh’ ann, agus bhiodh e a' dol dhan aifreann traidiseanta Laideann ann an Connecticut.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. George H. Nash (2008-02-28). ""Simply Superlative: Words for Buckley"". National Review Online. Retrieved 2008-02-29.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]