Altenburg
Altenburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Altenburger Land | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 5° 59' 06' Tuath 12° 26' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 45.6 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 32,992 (2013) | ||||
Dlùths | 723.51/km² | ||||
Àireamh fòn | 03447 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach ann an cridhe na Gearmailt a th’ ann an Altenburg. 'S ann à alten (sean) agus burg (dùn) anns a' Ghearmailtis a tha an t-ainm. Tha Altenburg suidhichte aig 202m os cionn ìre na mara ri taobh na h-Aibhne Pleiß eadar Leipzig agus Chemnitz, anns an stàit Thüringen, 90km air falbh bho Dresden, 183km bho Bherlin 58km agus 345km bho Rostock.[1] Tha am baile a' buntainn dhan cheàrn (Gearmailtis: Kreis) Altenburger Land agus tha 32,992 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 976 leis an Easbaig Zeitz.[3] Bhuineadh Altenburg dhan Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg eadar 1680 agus 1826 agus an uair sin b' e prìomh-bhaile Dhiùcachd Sagsainn-Altenburg a bh'ann gu ruige 1920. 'S e feachdan nan Stàitean Aonaichte a shaoraich am baile aig deireadh an Dàrna Cogaidh air 15 an Giblean 1945.[4]