Santa Marta (baile)
Santa Marta
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Magdalena | ||||
Àirde | 6m | ||||
Co-chomharran | 11º 14' 50' Tuath 74º 12' 06' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 2,381 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 415,270 (2005) | ||||
Dlùths | 174.41/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
' S e baile beag ann an Magdalena, Coloimbia,[1] a th'ann Santa Marta . Tha e suidhichte dìreach air oirthir A' Chairibìan le tràighean òr-bhuidhe air a bheulaibh agus beanntan na Sierra Nevada de Santa Marta air a chùlaibh, aig astar dhe 904km bho Bhogotá.[2] Tha àirde meadhanach dhe 6m os cionn ìre na mara leis gur e port a th’ann, ach tha am beinn leis an canar Pico Colón suidhichte aig 5,775 os cionn ìre na mara. ‘S e baile le cliomaid gu math teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 34˚, rè na bliadhna, ach tha ciomaidean eile shuas air a’ mhòintich. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1525. 'S e Santa Marta an 11mh baile as motha na dùthcha.[3]
Freumhan an Ainm
Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Martha,[4] neo Marta ann an Spàinntis. Tha santo/a a' ciallachadh naomh.[5]
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 415,272 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 30,148 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santa Marta (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1% agus tha 7.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.6% dhe na daoine ann an Santa Marta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 46.2% dhe na dachannan.[8]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Marta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Bailtean Co-cheangailte
- Miami Beach, Stàitean Aonaichte.[10]
Daoine Ainmeil
José María Campo Serrano (1832 - 1915): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1886 agus 1887.
Chaochail Simón Bolívar, saoradair Aimeraga a Deas an seo ann an 1830.
Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Invias
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Catholic Online
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
- ↑ SisterCities
Ceanglaichean A-mach
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal