Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Aristotelis

O Uicipeid
Aristotelis
Beatha
Breith Stageira (en) Translate, 384 BCE
Àite-fuirich An Àithne
An Àithne
Cinneadh Grèigich
Bàs Chalcis (en) Translate, 322 BCE
Àite-adhlacaidh Stageira (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra
fèin-mhurt (intestinal disease (en) Translate)
Teaghlach
Athair Nicomachus
Cèile Pythias (en) Translate
Càraid Herpyllis (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Platonic Academy (en) Translate
Cànain Seann-Ghrèigis
Luchd-teagaisg Platon
Oileanaich Alasdair Mòr
Theophrastus (en) Translate
Aristoxenus (en) Translate
Dicaearchus (en) Translate
Eudemus of Rhodes (en) Translate
Clearchus of Soli (en) Translate
Phaenias of Eresus (en) Translate
Chamaeleon (en) Translate
Neleus of Scepsis (en) Translate
Clytus of Miletus (en) Translate
Meno (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, bith-eòlaiche, cosmos-eòlaiche, loidsigiche, ainmh-eòlaiche, breithniche litreachais, matamataigear, ethicist (en) Translate, epistemologist (en) Translate, feallsanaiche poileataigeach, iom-eòlaiche, feallsanaiche chànan, sgrìobhadair, reul-eòlaiche, cruinn-eòlaiche, neach-teagaisg, tutor (en) Translate, ontologist (en) Translate, fiosaigiche, diadhair agus saidhg-eòlaiche
Obraichean comharraichte Politics (en) Translate
Nicomachean Ethics (en) Translate
Metaphysics (en) Translate
Physics (en) Translate
Organon (en) Translate
Poetics (en) Translate
Constitution of the Athenians (en) Translate
Eudaimonia (en) Translate
Meteorology (en) Translate
Buaidh Platon, Sokrates, Heraclitus a Ephesus, Parmenides, Zeno of Elea (en) Translate, Democritus, Anaximander, Epicurus, Hippocrates (en) Translate agus Empedocles (en) Translate
Gluasad An Sgoil Shiùbhlach
IMDb nm12436700

'S e Aristotélīs (Greugais: Ἀριστοτέλης, Beurla: Aristotle; beò 384 RC, Stagira, Masadoinia, A' Ghrèig7 am Màrt 322 RC, Chalicis, Euboea, a' Ghrèig), còmhla ri Platon, aon de na feallsanaichean as cudthromaiche ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun do sgrìobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha tòrr dhiu air an call.

'S e dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh' ann an athair Aristotélīs. Bho aois ochd deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Àithne mar oileanach fon fheallsanaiche ainmeil Plato.

Tha air a ràdh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh' anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Aristotélīs, Plato agus Socrates. 'S e maighstear Plato a bh' ann an Socrates agus 's e maighstear Aristotélīs a bh' ann am Plato. 'S e na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Aristotélīs Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhanach gu lèir.

Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fhios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mì-chinnteach agus nach b' urrainn do dhuine sam bith fios fìrinneach fhaighean ach bho thionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-saoghal.

Bha diofar bheachdan aig Aristotélīs. Bha esan a' smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromaiche. 'S e na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'S e a chuid mhòr de th' againn a thuirt Aristotélīs 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt òraid. 'S e feadhainn de na sgrìobhaidhean as ainmeile aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.

Eachdraidh agus Cudthrom obair Aristotélīs

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil mòran fios againn mu eachdraidh obair Aristotélīs bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgrìobhaidhean aig Aristotélīs fhàgail dha Theophrastus. 'S e Theophrastus am maighsear a lean Aristotélīs agus dh'fhalaich e na sgrìobh e airson dèanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun a' bhliadhna 70 RC.