Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Bizkaia (provincia)

O Uicipeid
Bizkaia
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Bilbao
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,217 km²
Àireamh-shluaigh 1,155,772 (2014)
Dlùths 521.32/km²
Àireamh fòn + (94)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Bizkaia (Spàinntis: Vizcaya). Tha e na laighe ann an Dùthaich nam Basgach, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Bilbao a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Euskadi i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Bizkaia fad 2,217km²[3] agus tha 1,155,772 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an dàrna roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 9mh as motha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Araba, Burgos, Cantàbria agus Gipuzkoa.[5] 'S e Basgais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à bizkar (Gàidhlig: druim) ann am Basgais a tha an t-ainm.[6] A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur ann à faclan eile ann am Basgais mar bits-kaia (Gàidhlig: port an ròid) no bizi-kaia (Gàidhlig: port beò), ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a' gabhail ri sin.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Bhizkaia, air an àirde an iar-dheas na roinne eadar Araba agus Burgos. 'S e Urduña an t-ainm a tha air.[7] Tha e na àite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Tha 4,186 a' fuireach ann.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Michelena, Luis (1997). Apellidos Vascos. Donostia: Editorial Txertoa. pp. 75–76. ISBN 84-7148-008-5.
  7. Urduña