Bilbao
Bilbao
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Roinn Bhizkaia | ||||
Sgìre | Dùthaich nam Basgach | ||||
Co-chomharran | 43° 15' 25 Tuath 02° 55′ 25 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 40.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 353,187 (2008) | ||||
Dlùths | 8,688.49/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 944 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile uabhasach mòr agus port gu math cudromach anns an Dùthaich nam Basgach a th’ ann Bilbo neo Bilbao.[1] Thathar dhen bheachd gur ann às a’ Bhasgais Bil-Ibaia-Bao, a tha a’ ciallachadh Caladh na h-Aibhne, a th’ann an t-ainm,[2] ged a tha feadhainn eile a’ cumail a’ dol gur e dìreach ainm Spàinntis a th’ann, Bello Vado (Àite-coise Brèagha). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1300.[3] Tha Bilbao suidhichte eadar 19m agus 689m os cionn ìre na mara (33 m ann am meadhan)[4] faisg air Bàgh Bhiscay, ri taobh inbhir na h-aibhnichean Nervión agus Ibaizabal.[5] Tha Bilbao 329km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 50km bho Vitoria-Gasteiz, prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach[6] Tha 353,187 daoine a’ fuireach ann am Bilbao,[7] am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach,[8] agus an 10mh baile as motha na Spàinne. [9] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinn Bhizkaia a th' ann cuideachd.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Bilbao.[10] Tuitidh 1131mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - dìreach 42mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[11] - leis gur e àite uabhasach fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Pittsburg, Na Stàitean Aonaichte
- Sant Adrià de Besòs, Catalòinia
- Tbilisi, Gruisia
- Qingdao, Sìona
- Bordeaux, An Fhraing
- Medellín, Coloimbia
- Iloilo, Na h-Eileanan Filipineach
- Buenos Aires, An Argantain
- Rosario, An Argantain
- Surakarta, An Innd-Innse
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Euskaltzaindia
- ↑ Quiroga, Ramón; Marrodán, Miguel Ángel (2001). Bilbao: 700 años de historia. Abanto y Ciérvana. p. 115. ISBN 84-931494-3-8
- ↑ Tusell Gómez, Javier (2004). Bilbao a través de su Historia. Bilbao. p. 212. ISBN 84-95163-91-8
- ↑ Mongabay
- ↑ IETB Bizkaia
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Eustat
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Aemet
- ↑ Oifis na Sìde