Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Caora

O Uicipeid
'
Uain dhen bhriod "caoraich mhaola"
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Artiodactyla
Teaghlach Bovidae
Gèineas Ovis
Spèiseas O. aries
Ainm saidheansail
Ovis aries Linnaeus, 1758
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

'S e creutair ceithir-chasach a tha anns a' chaora (Ovis aries). Tha casan crodhanach air caoraich, mar a tha air crodh, fèidh, goibhrean agus muic.

Eadar dròbhan nan tuathanaich mòra, treudan nan club stoc aig na bailtean croitearachd agus na treudan beaga aig croitearan fa-leth, tha iad cumanta air feadh Alba.

Tha daoine air a bhith ri àrach chaorach bho linn a' Bhìobaill. Cumar iad airson caochladh adhbharan: airson clòimh, airson feòil agus (uaireannan) airson bainne. Chanar "cìobair" ri fear no tè a bhios a' coimhead às dèidh chaorach air ceann a chosnaidh.

Tha iomadh briod chaorach ann. San latha an diugh is iad "Caoraich Dubh-cheannach" agus "Caoraich Mhaola" as cumanta air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha na dubh-cheannaich nas righinn na na Caoraich Mhaola, agus fanaidh iad beò air monaidhean Alba fad a' gheamhraidh, air an fheurach a-mhàin bidh cuid ag ràdh (ged a chanadh feadhainn eile gur h-e dearg amaideas a tha seo). Tha na caoraich mhaola nas motha agus nas truime, agus gheibh iad prìsean as fheàrr aig fèilltean-reic nan uan a tha gan cumail gach foghar, ach feumaidh iad biathadh geamhraidh; mar sin tha iad nas daora a ruith. Ach tha iad fhathast fìor thapaidh.

'S iad caoraich mhaola a tha rim faicinn san dealbh air an duilleig seo. 'S iad seo "Na Caoraich Mhòra" bhon tàinig an abairt "Bliadhna nan Caora Mhòr", agus a dh'adhbharaich (ann am pàirt) fuadach nan Gàidheal.

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Dealbhan