Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Ceannairceachd

O Uicipeid
Maximilien Robespierre, rèabhlaideach Frangach

A-rèir Achd Ceannairceachd 2000 's e gnìomh no bagairt gnìomha de: fòirneart air neach, droch mhilleadh, cur beatha ann an cunnart, cur slàinte no sàbhailteachd na poblach ann an cunnart no eadraiginn ann an siostam dealanach a tha ann an ceannairceachd.[1]

Ach o thùs chiallaich 'ceannairc' rudeigin mar 'aramach' no 'èirigh'.[2] Agus tha brìgh an fhacail a' dol air ais do dh'Aramach na Frainge nuair a riaghailt na Jacobinich an Fhraing le fòirneart agus oillt. Riaghailt na Boilseabhaich agus na Nàsaich an stàitean ùra, a chaidh a chruthachadh ann an aramach, an t-Aonadh Sobhietach agus a' Ghearmailt Nàsach le oillt.[3]

Dh'atharraich brìgh an fhacail anns an 20mh linn. Dh'fhàs i nas connspaidiche. Mhìnich riaghaltasan buidhnean a shabaid an aghaidh colonachd mar cheannaircich, agus cuideachd buidhnean a chleachd fòirneart agus oillt airson ideòlais.[3] Mar eisimpleir connspaide, cha bhi an BBC a' cleachdadh an fhacail seo. 'S e "buidheann reubaltach", no dìreach "Hamas", a tha ann an Hamas.[4]

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Terrorism”. Seirbheis Casaid a' Chrùin. Air a thogail 5mh dhen Dùbhlachd 2023.
  2. ceannairc”. Am Faclair Beag. Air a thogail 5mh dhen Dùbhlachd 2023.
  3. 3.0 3.1 Primoratz, Igor (An Geamhradh 2022): “Terrorism”. The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Winter 2022 Edition). Oilthigh Stanford. Air a thogail 5mh dhen Dùbhlachd 2023.
  4. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 9mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 5mh dhen Dùbhlachd 2023.