Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Draoidh

O Uicipeid
Draoidhean

'S e sagart, breitheamh, bàrd agus lighiche a bh' ann an draoidh anns an t-seann shòisealtas Cheilteach mus ràinig an creideamh Crìosdail.[1] Tha fiosrachadh air fhàgail bho na sgrìobadairean Ròmanach is Greugach man deidhinn. Bha buaidh mhòr aca anns na treubhan, is dhèanadh iad deas-gnàthan is ìobairtean do na diathan a bh' aca le beòthaichean no fiù 's daoine. Gu tric chleachdadh iad uil-ìoc agus lusan eile gus leigheasan a dhèanamh mar a sgrìobh Plineas Mòr. Bha iad a' creidsinn ann an ath-fheòl-ghabhail is ann an nàdar anns an fhairseanachd. Chan eil bàrrachd fiosrachaidh man deidhinn bhon 2mh Linn seach 's gun robh na Ròmanaich gan sgainnireadh an toiseach, is na Crìstein às dèidh sin, mar na nathraichean a chuir Naomh Pàdraig air falbh bho Èirinn anns an fhaoinsgeul, 's a bha gan riochdachadh.

San là an-diugh, agus bho ath-bheòthachadh a' chultair Cheiltich anns an 19mh Linn, tha daoine a' creidsinn is a' gnàthachadh a-rithist a' chreideimh dhraoidheil, creideamh ris an can sinn an Draoidheachd Ùr.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Live Science

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]