Freiburg im Breisgau
Freiburg im Breisgau
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Baile neo-eisimeileachd | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 00 00' Tuath 07° 51′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 153.07 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 224,191 (2010) | ||||
Dlùths | 1,464.63/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)761 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.freiburg.de |
‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann am Freiburg im Breisgau. Tha an t-ainm a’ ciallachadh Daingneach Saor, bho dhà fhacal anns a’ Ghearmailtis Frei (Saor) agus Burg (Daingneach). Chaidh am baile a stèidheachadh ann a 1120 le Konrad Zähringen. Tha e suidhichte aig 347m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Dreisam, faisg air na crìochan leis An Fhraing, anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 638km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 277km bho Mhünchen, 130km bho Stuttgart agus 116km bho Phforzheim.[2] Tha 224,191 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e 4mh baile na stàite, an 34mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1457. Chaochail Martin Heidegger an seo ann an 1976. Thogadh Peter Schneider an seo.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Julius Bissier (1893 – 1965) Dealbhadair.
- Edith Picht-Axenfeld (1914 – 2001) Ceòladair.
- Karl von Rotteck (1775 – 1840) Seanaiche.
- Joseph Wirth (1879 – 1956) Ceann-suidhe na Gearmailt 1921 – 1922.
- Til Schweiger (1963) Actair.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Besançon[4]
- Granada[5]
- Guildford[6]
- Innsbruck[7]
- Isfahan[8]
- Lviv[9]
- Madison[10] (Wisconsin)
- Matsuyama[11]
- Padova[12]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Ville de Besançon
- ↑ Ciudad de Granada
- ↑ City of Guildford
- ↑ Stadt Innsbruck
- ↑ اصفهان
- ↑ Львів
- ↑ City of Madison
- ↑ 松山市
- ↑ Città di Padova