'Se neach-feallsanachd nàdar agus matamataigear a bh’ anns an ridire Isaac Newton (4 am Faoilleach, 1643–31 am Màrt, 1727.) Tha e gu math ainmeil airson an obair aige air laghan co-cheangailte ri eòlas-fradhairc, tarraing na talmhainn agus calculas.
Rugadh e 25 Dùbhlachd 1642 anns a' Mhìosachan Iulianach ann an Lincolnshire is thogadh e aig àm a' Chogaidh Sìobhalta Shasainn. An dèidh don Ath-stéidheachadh Theàrlaich II chaidh e na oileanach aig Oilthigh Chambridge ann an 1662. Dh'obair e air eòlas-fradhairc agus reul-eòlas dhachaigh ann an Woolsthorpe agus an oilthigh ga dhùnadh air sgàth na plàighe duibhe. Thill e a Chambridge mar bhall Colaiste na Trianaide is chaidh e na àrd-ollamh ann an 1669. Dh'fhoillsich e am Principia ann an 1687.[1]
Chaidh a thaghadh a riochdaich Oilthigh Chambridge ann am Pàrlamaid ann an 1689 an dèidh don Ar-a-mach Glòrmhor is a-rithist ann an 1701. Chaidh e na Mhaighstear an Taigh-cùinnidh Rìoghail ann an 1699 is na cheann-suidhe a' Chomainn Rìoghail ann an 1703.[1]
↑ 1.01.1Smith, George: Zalta, Edward N.:“Isaac Newton”. The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Fall 2008 Edition). Air a thogail 4mh dhen Fhaoilleach 2019.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: