Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Lide

O Uicipeid

Tha na lidean a' gabhail ruithim dhan chainnt. Mar as àbhaist, tha aon fhuaimreag agus aon no nas motha connragan a' dèanamh aon lide (me "ràdh"). Uaireannan, ge-tà, tha dà fhuaimreag ann, riutha an canar dà-fhoghar ("cainnt").

Bha daoine a' sgrìobhadh le samhlaidhean airson lidean an dèidh a' sgrìobhadh le samhlaidhean airson faclan buileach (na pioctagraman), ach roimhe sgrìobhadh le samhlaidhean airson foghair air leth, mar tha sinn an-diugh. Tha a' chiad eisimpleirean dheth air bùird bhon dùthaich aosda Sumer, air an sgrìobhadh mu 2800 RC.

Anns na cànanan Ind-Eòrpach, tha faclan le aon, dà ("pean-sail") no trì lidean ("li-tri-chean") cumanta gu leòr, agus tha faclan annta le ceithir no nas motha lidean ("cà-na-na-chas") cuideachd. Tha cànanan ann, ge-tà, anns a tha dìreach aon lide aig a h-uile facal, me Bhietnamais, agus cànanan anns a tha faclan le mòran lidean glè chumanta, me Gearmailtis (an cuid as motha dhiubh nam faclan fillte).