Kharkivska Oblast
Kharkivska Oblast Харківська́ о́бласть
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Prìomh-bhaile | Kharkiv | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 31,415 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,633,834 (2021) | ||||
Dlùths | 83.84/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 57 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Kharkivska Oblast (Ucràinis: Харківська́ о́бласть, ainm neo-fhoirmeil: Kharkivshchyna). 'S e Kharkiv fhèin's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha faisg air na crìochan leis An Ruis.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuinneadh talamh na h-oblast air fad dhan roinn Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Chaidh Kharkivska Oblast fhèin a chruthachadh ann an 1932. B' e an Oblast seo, a bharrachd air Kyivshchyna, a dh' fhuiling na bu mhotha agus na bu mhiosa na àite sam bith eile san dùthaich ri linn Gort na h-Ucràine (Ucràinis: Голодомо́р) eadar 1932 agus 1933[2] Chaochail 1,037,600 leis an acras.[3] Bhòt 86.33% nan daoine an seo airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Peter von Köppen (1793 - 1864): Cruinn-eòlaiche.
- Serhii Vasylkivsky (1854 - 1917): Peantair.
- Nikolai Tikhonov (1905 - 1997): Neach-poileataigs.
- Naum Landkof (1915 - 2004): Matamataigear.
- Anatoliy Nedbaylo (1923 - 2008): Paidhleat.
- Vitaliy Seleznov (1939 - 2020): Cleasaiche.