Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Izyum

O Uicipeid
Izyum
Ізюм
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Kharkivska Oblast
Sgìre Izyumskiy Raion
Co-chomharran 49° 12 46' Tuath
37° 15 25' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 43.6 km²
Àireamh-shluaigh 45,884 (2021)
Dlùths 1,052.39/km²
Àireamh fòn + 380 5743
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhanach faisg air Kharkiv agus Kramatorsk san Ucràin a th' ann an Izyum (Ucràinis: Ізюм, IPA: iˈzʲum). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Donets, san roinn Kharkivska Oblast. Tha 45,884 duine a' fuireach ann.

Chaidh Izyum a stèidheachadh ann an 1681 mar dhaingneachadh agus chaidh cathair-eaglais a thogail ann an 1684.[1] Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1942 agus 1943 agus feachdan an Aonaidh Sobhiataich air an cuairteachadh mar phàirt an dàrna Cath Kharkiv. B' ann mòr an call ann am beathannan a dh' fhulaing An t-Arm dearg.[2] Ann an 1991, thàinig Izyum gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Bha Izyum a-rithist ann an teas-mheathain cogaidh ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, agus na Ruiseanaich ag amas air taobh an ear na dùthaich a cheannsachadh.

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Izyum a' bruidhinn (74.22%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (23.77%).[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Izyum o na 1930an a-mach, cha b' ann ach anns na 70an a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Izyum air thuiteam fad na 21mh Linn.


1897 1923 1926 1939 1959 1970 1979 1989 2001 2010 2014 2021
13.108 9.414 9.490 34.859 37.595 51.603 60.516 64.334 56.114 52.821 51.175 45.884

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Изюм, Большая Советская Энциклопедия, редколл., гл. ред. Б. А. Введенский. 2-е изд. том 17. М., Государственное научное издательство «Большая Советская энциклопедия», 1952
  2. The Second World War on the Eastern Front by Lee Baker, Routledge, 2009, ISBN 9781405840637
  3. Ukcensus
  4. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]