Kharkiv
Kharkiv Ха́рків
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Kharkivska Oblast | ||||
Sgìre | Kharkivskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 59 39' Tuath 36° 11 16' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 3.226 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,745,734 (2021) | ||||
Dlùths | 541,145.07/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 542 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr faisg air Sumy agus Poltava anns An Ucràin a th' ann an Kharkiv (Ucràinis: Ха́рків, IPA: ˈxɑrkiu̯). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Lopan, san roinn Kharkivska Oblast. Tha 1,745,734 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Kharkiv a stèidheachadh ann an 1654 mar dhaingneach.[1] Bhuinneadh am baile dhan roinn Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Rinn am peantair Emmanuel Mané-Katz taisbeanadh ann an Kharkiv ron Chogadh Mhòr.[2] Ann an 1991, thàinig Kharkiv gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Nuair a thug na Ruiseanaich ionnsaigh air an Ucràin ann an 2022, bha Kharkiv na làrach far an robh sabaid throm ann eadar feachdan na h-Ucràine agus Arm na Ruise. Air 27 an Gearran, 2022 thuirt Oleh Synyehubov, riaghladair Kharkiv Oblast, gun do chuir na h-Urcàinich ruaig air saighdearan na Ruise. Thuirteadh gu robh Blàr Kharkiv a-measg nan cathan as fuiltiche, marbhtaiche san ionnsaigh, agus gu robh e uabhasach coltach ri Blàr Stalingrad.[3]
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Kharkiv a' bruidhinn (66%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (44%).[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Peter von Köppen (1793 - 1864): Cruinn-eòlaiche.
- Nikolai Tikhonov (1905 - 1997): Neach-poileataigs.
- Naum Landkof (1915 - 2004): Matamataigear.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ukrainian Week
- ↑ Alfred Werner: Mané-Katz. Massadah Publishing, Tel-Aviv, 1970, ISBN 0-902291-37-8
- ↑ AP News
- ↑ Ukcensus