Location via proxy:   [ UP ]  
[Report a bug]   [Manage cookies]                
Jump to content

Comar na Drise

O Uicipeid
Comar na Drise

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 58' 06″ Tuath
03° 21' 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Comar na Drise aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Comar na Drise (Beurla: Cummertrees). Tha e suidhichte dà chilemeatair air falbh bhon a' chladaich, aig dìreach 4m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Daltan agus Ruadhail, ri taobh an Uillt Pow.[2] Tha e 251km air falbh bho Obar Dheathain, 110km bho Ghlaschu, 108km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Comar na Drise. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsta[4] agus raon goilf air iomall Chomar na Dris aig Powfoot, a bhuineas dhan pharaiste. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Cymer agus Tres (a tha a' ciallachadh Comar na Trioblaid) ann an Cuimris a tha an t-ainm.[6] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Comar agus Dreas a tha e.[7] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. A bharrachd air sin, nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8] Sa chùis seo, chan eil diofar mòr ann eadar a' Ghàidhlig agus a' Chuimris.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Thachair arrabhaig eadar Arm Raibeart Bruis agus feachd Shasannach an seo ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba.[9] Chuir na Gall ruaig air fir na h-Alba. Chaidh tùr dìona a thogail ann an 1590, air an robh Fourmerkland Tower. Chaidh Na Seumasaich seachad air Comar na Drise air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[10]Chaidh lùchairt Kinmount a thogail an seo ann an 1820 leis a' Mharcas Queensberry agus 's e fear air an robh Robert Smirke a bh'ann an ailtire.[11] Cheannaich Steve Ovett, a bha na Lùth-chleasaiche, an lùchairt ann an 1988[12] Chaill an 9mh Marcas, Iain Sholto Dùghlasach, an oighreachd leis nach robh esan idir glic taobh gnothachas. A' dh'aindeoin sin, sgrìobh esan riaghailtean bogsaigidh agus dh'fhàg e air Oscar Wilde[13] gu robh an sgrìobhadair ann an càirdeas Co-sheòrsach leis a mhac, Percy. Thog fear-gnothaich à Sasainn sreath dhe taighean ann an stoidhle Shasannach fad na 1890an nuair a bha làmh an uachdair aige san oighreachd, is esan ag iarraidh an sgìre a leasachadh airson turasachd. Gu mì-fhortanach dhasan, rinn An Cogadh Mòr sgrios air a chuid phlanaichean.[14] Thogadh stèisean rèile air an loighne eadar Glaschu agus Cathair Luail ann an 1848 ach dhùnadh e ann an 1955 is chaidh an togalach a reic.[15]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Falling Rain
  2. Scottish places
  3. Distance Calculator
  4. Powfoot Golf Hotel
  5. A' Chomhairle[dead link]
  6. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Canmore
  10. Am Baile[dead link]
  11. Alba Aosmhor
  12. Daily Record
  13. Dowling, Linda C (1994). Hellenism and homosexuality in Victorian Oxford. Ithaca, NY: Cornell University Press. d. 141. ISBN 9780801429606.
  14. Dumfriesshire Companion
  15. Lindsay, David M. E. (2002). G&SWR Register of stations, routes & lines. G&SWR Association. Pàirt 2.1, Duilleag 2