Locarbaidh
Locarbaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 07′ 12″ Tuath 3° 21′ 25″ Iar |
Comharradh-clèithe | NY 135 815 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,009 (2011) |
Àireamh fòn | 01576 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Logarbaidh[1] no Locarbaidh.[2] Tha e suidhichte aig 101m os cionn ìre na mara,[3] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Eaglais Fheichin, ri taobh na h-aibhne Water of Milk.[4] Tha e 239km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 16km bho Inbhir Anainn agus 93km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Locarbaidh. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, dà thaigh-seinnse[5] agus còig taigh-òsda ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil agus àrd sgoil ann.[6] Ann an 2001 bha 4,009 duine a' fuireach an seo. [7]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd,[8] tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais by (baile neo croit) agus ainm pearsanta mar Loker a tha ainm a' bhaile.[9] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[10] gu h-àraidh nas fhaisge air a' mhuir.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1306 mar Lokardebi. Tha Logarbaidh aimeil air sgàth 's gun do thachair an Lockerbie disaster no an Lockerbie bombing, mar a chanas luchd na Beurla an seo air 21 an Dùbhlachd 1988. Thuit pàirt dhen phlèan dhen Pan Am Flight 103 air a' bhaile an dèidh spreadhadh-boma le neach-fuathais.[11] Chaidh 270 duine a mharbhadh, bha 11 daoine às a' bhaile fhéin.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ “Lockerbie/Locarbaidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen t-Sultain 2018.
- ↑ Elevation Map
- ↑ Scottish Places
- ↑ Beer in the Evening
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Census Result OnLine[dead link]
- ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Viking
- ↑ Ordnance Survey
- ↑ Victims of Pan Am flight 103
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck